Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh Bhreatainn

Thuirt am Prìomhaire Dàibhidh Camshron gu bheil eaconamaidh Bhreatainn air an t-slighe cheart agus nach atharraich Riaghaltas na Co-bhanntachd an cùrsa gu ruige fiachan na dùthcha a ghearradh. Aig òraid do cheannardan gnìomhachais ann am Manchester thuirt e gun seas esan an aghaidh Làbaraich a tha ag ràdh gum feum an Riaghaltas airgead a chur an sàs airson brosnachadh a thoirt air an eaconamaidh.

Vauxhall

Thàinig dearbhadh bho General Motors an-diugh gun tèid sreath ùr de chàraichean Vauxhall Astra a thogail aig factaraidh na companaidh aig Ellesmere Port ann an Cheshire, rud a chuireas dìon air 2,000 cosnadh, agus a chruthaicheas ceudan eile. Cuiridh GM £125m an sàs, agus an luchd-obrach aig an fhactaraidh air gabhail ri cùmhnantan agus tuarastail ùr.

Neo-eisimeileachd

Bidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' foillseachadh fhreagairtean feasgar dhan cho-chomhairleachadh air neo-eisimeileachd do dh'Alba. Bha cha-mhòr 3,000 freagairt ann eadar luchd-gnothachais, luchd-poileataigs, buidhnean poblach, eòlaichean acadaimigeach, agus am mòr-shluagh. Tha e coltach gun do dh'iarr mòran aon cheist shìmplidh ann an referendum, agus tha iad ag ràdh gum bu chòir a' bhòt a chumail a dh'aithghearr.

Ratko Mladic

Tha cùis-lagha seann cheannard arm Sherbach Bhosnia, Ratko Mladic, sa Hague air a bhith a' cluinntinn mu mhurt-sluaighe ann an Srebrenica aig àm Cogadh nam Balkans sna 90an. Tha Mladic a' dol às àicheadh gun do dh'òrdaich e bàs 7,000 Muslamach ann an Srebrenica ann an 1995.

Cumhachd an Làn

Thuirt Scottish Power Renewables gun do shoirbhich deuchainn ann an Arcaibh air uidheamachd a tha a' cruthachadh dealain à cumhachd an làn. Chaidh an turbine air a shon a thogail ann an Steòrnabhagh. Thuirt a' chompanaidh gun gluais iad air adhart a-niste airson a' chiad thuathanas cumhachd làn air an t-saoghal far chladach Ìle.

Comhairlean

Coinnichidh comhairlean na Gàidhealtachd agus Ghlaschu an-diugh airson ceannardan ùra a thaghadh. 'S iad an SNP, na Lib-Deamaich 's na Làbaraich a bhios ann an co-bhanntachd riaghlaidh air Comhairle na Gàidhealtachd, agus bidh iad ag ainmeachadh Neach-gairm an-diugh. Thèid na h-àrd-dhreuchdan aig Comhairle Bhaile Ghlaschu a roinn eadar comhairlichean Làbarach.

Rangers

Thuirt an luchd-rianachd aig Rangers, Duff and Phelps, gu bheil iad a-niste a' beachdachadh air dè an ath-cheum dhaibh an-dèidh dhan SFA innse anmoch an-raoir gun deach tagradh a' chluba an aghaidh casg fad bliadhna air cluicheadairean ùra a cheannach, agus càin de £160,000, a dhiùltadh. Thuirt Duff and Phelps gu bheil iad a' beachdachadh air tagradh a-rithist agus iad ag ràdh nach robh ùghdarras sam bith aig a' chiad tribunal aig an SFA leithid de chasg a chur an sàs.