Comhairle ùr na Gàidhealtachd air coinneachadh

  • 17 An Cèitean 2012
Comhairle na Gàidhealtachd Image copyright bbc
Image caption Tha co-bhanntachd eadar an SNP, na Lib-Deamaich agus na Làbaraich a' riaghladh na Comhairle

Chaidh ceannard an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, a thaghadh mar cheannard-politiceach an ùghdarais, agus an comhairliche Lib-Deamach Dàibhidh Alston ainmeachadh mar Leas-cheannard.

B'e an Làbarach Jimmy Gray a fhuair dreuchd an Fhir-ghairm.

Dh'fhoillsich a' Chomhairle gun tèid tuilleadh chumhachdan do chomataidhean sgìreil air feadh na Gàidhealtachd, agus gun tèid tuarastal cothromach a thoirt do luchd-obrach a ùghdarais a th' air pàigheadh ìosal.

Chruthaich an SNP, na Lib-Deamaich agus na Làbaraich co-bhanntachd a tha a-nis a' riaghladh air Comhairle na Gàidhealtachd, às dèidh an taghaidh na bu tràithe den mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile