£80m do ghnìomhachas a' bhradain

  • 16 An Cèitean 2012
Bradan Image copyright PA
Image caption 'S i Alba an dùthaich as prothaidiche do Marine Harvest

Tha dùil ri 100 cosnadh ùr ann an Alba, agus a' chompanaidh bhradain as motha san t-saoghal, Marine Harvest, gus £80m a chur an sàs sa ghnìomhachas anns an dùthaich seo.

'S i Alba an dùthaich as prothaidiche don chompanaidh, a tha stèidhichte ann an Nirribhidh, agus a tha ag obair ann an 21 dùthaich.

Thèid an t-airgead a chur an sàs thairis air na còig bliadhna a tha romhainn.

Tha a' chompanaidh am beachd tuathanasan ùra a stèidheachadh, a thuilleadh air goireasan giollachd ùra.

'S i companaidh chudromach dha-rìribh a th' ann am Marine Harvest anns na h-Eileanan agus air Tìr Mòr na Gàidhealtachd, le mòran a' faighinn cosnaidh aca ann an sgìrean dùthchail.

Thàinig an naidheachd agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' tadhail ann an Nirribhidh, far an do thachair e ri cathraiche na companaidh, Ole Eirik Leroy, ann an Olso Dimàirt.

Tha a' chompanaidh am beachd na chuireas iad de bhradan air a' mhargaidh a dhùblachadh ro 2016, gus am bi am figear aig 60,000 tunna sa bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile