Iomairt mu leasachadh "An Rest and Be Thankful"

  • 15 An Cèitean 2012
Rathad an A83
Tha maoimean-talmhainn air an rathad a dhùnadh grunn thursan anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh

Thèid comhairlichean à Earra-Ghàidheal gu Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt 's iad ag iarraidh gun deadh fuasgladh maireannach fhaighinn dhan trioblaid le maoimean-talmhainn aig an Rest and Be Thankful.

Tha rathad an A83 air a bhith dùinte grunn thursan aig an làraich thar nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Dh'ainmich Ministear na Còmhdhail, Cè MacIlleDhuinn roimhe gun deadh £1m a chur ma seach mu choinneamh a bhith a' dèiligeadh ri maoimean-talmhainn eile, ach tha comhairlichean bhon bhuidhinn Argyll First ag ràdh gu bheil tuilleadh a dhìth.

"Cosgais agus dàil"

Thuirt an Comh. Dùghlas Philand gu bheil cùisean air tighinn chun na h-ìre 's gum feum Riaghaltas na h-Alba plana coileanta a dhealbh airson an rathaid, agus maoineachadh a ghealltainn.

Thuirt e gu bheil an cunnart bho mhaoimean-talmhainn a' cur maille air gnìomhachasan agus luchd-turais, agus a' cur cosgais a bharrachd orra nuair a dh'fheumas iad slighe eile a ghabhail.

Cuiridh na comhairlichean ath-chuinge air beulaibh Comataidh nan Ath-chuingean Poblach, ag iarraidh gun tèid leasachadh an rathaid a dhèanamh na phrìomhachas.

Thuirt tè-labhairt bho Thransport Scotland gu robh iad mar-thà air dòighean aithneachadh airson an rathad a leasachadh agus an ùine-siubhail a ghearradh.

Gheall iad gun coimheadadh ministearan an Riaghaltais ri molaidhean an ath-chuinge.