Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brooks

Thèid seann àrd-oifigear News International, Rebekah Brooks, agus an duine aice Teàrlach Brooks, a chur fo chasaid gun do chuir iad bacadh air ceartas anns an rannsachadh mu fharchluais air fònaichean. Tha ceathrar eile fo chasaid cuideachd - Cheryl Carter a bha na P.A. aig a' Bh.Ph. Brooks, agus Mark Hanna, ceannard tèarainnteachd News International nam measg. Tha iad uile fo chasaid gun do chuir iad stuth am falach air Scotland Yard, agus gun do dh'fhiach iad ri stuth pàipeir eile agus coimpiutairean a ghluasad à oifisean News International airson an cur falach air na Poilis.

Rannsachadh Brìbearachd

Chaidh dithis eile a chur an grèim an-diugh mar phàirt de rannsachadh nam Poileas mu chasaidean gun deach pàigheadh mì-laghail a thoirt do dh'oifigearan poilis agus do dhaoine eile ann an dreuchdan poblach. Chaidh fear a tha 50 bliadhna de dh'aois, agus boireannach a tha 43, a chur an grèim ann an Lunnainn mar phàirt den rannsachadh a tha a' dol air adhart ri taobh an rannsachaidh mu fharchluais air fònaichean.

Francois Hollande

Ghabh Francois Hollande a bhòidean na bu tràithe an-diugh mar Cheann-suidhe air an Fhraing, agus an dèidh dha Prìomhaire ainmeachadh, thèid e gu ruige Berlin airson chòmhraidhean ri Seansalair na Gearmailt Angela Merkel, mu èiginn an Euro. Tha Mgr Hollande air a bhith a' càineadh poileasaidh na Gearmailt airson ghearraidhean agus cùmhnaidh ann an Sòn an Euro, agus esan ag ràdh gum feum fàs eaconamach a bhrosnachadh air dòighean eile.

A' Ghrèig

Tha ministearan ionmhais na h-Eòrpa a' coinneachadh an-diugh a dheasbad trioblaidean an ionmhais agus ceannardan na Grèige fhathast a' feuchainn ri riaghaltas a stèidheachadh naoi là an dèidh taghaidhean na dùthcha. Tha dragh ann mun bhuaidh air sgìre an Euro gu lèir ma 's e 's gun tig air a' Ghrèig an t-airgead singilte Eòrpach fhàgail.

Total

Thuirt a' chompanaidh ola Total, gun tòisich iad air an obair an-diugh airson feuchainn ri stad a chur air a' ghas a th' air a bhith ag aodion à Clàr Eilginn anns a' Chuan a Tuath bho chionn sia seachdainnean. Tha iad a' feuchainn ris an tobair a stobadh le poll, ach tha iad ag ràdh gum bi là no dhà ann mus bi fios aca a bheil sin ag obair.

UBC

Tha cuireadh aig feadhainn a chaill an cosnadh an t-seachdain seo chaidh nuair a chaidh a' chompanaidh thogail UBC fodha gu tachartas ann an Inbhir Nis air an 23mh là den mhìos seo. Tha an cruinneachadh sin ag amas air comhairle agus taic a thoirt dhaibh le riochdairean ann bho Skills Development Scotland, Colaiste Inbhir Nis, Ionadan Obrach, Comhairle na Gàidhealtachd, HIE, agus diofar chompanaidhean anns a' ghnìomhachas. Tha dùil ri dà thachartas eile den aon sheòrsa anns na h-Eileanan an Iar a dh'aithghearr.