Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Deoch-làidir

Dhearbh Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon, gur e 50sg a' phrìs as saoire a bhios air aonad de dheoch-làidir. Tha sin nas àirde na chaidh a mholadh an toiseach agus cuiridh e prìs nan deochan as saoire mar bhodga agus seideir suas gu mòr. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil lagh ùr a dhìth airson dèiligeadh ri trioblaidean dibhe na dùthcha, ach tha gniomhachas na dibhe ag ràdh gur e stratadsaidh chearr a th'ann, a nì milleadh air an eaconomaidh.

Heileacoptair

Bidh coinneamh shònraichte ann an Obair Dheathain an-diugh mun tachartas sa Chuan a Tuath an t-seachdain seo chaidh nuair a thàinig air heileacoptair Super Puma laighe air a' mhuir ann an eiginn. Thuirt luchd-rannsachaidh gur e sgàineadh ann an gearbox an itealain a bu choireach gun robh i a' call ola. Tha a' chompanaidh Bond a' cumail nan itealan aca uile air an làr gus an tèid rannsachadh a dhèanamh orra.

Teine an Derby

Chaochail an siathamh leanabh an-dèidh teine ann an taigh ann an Derby. Bha Duwayne Philpott, a bha 13, air a bhith ìosal anns an ospadal an-dèidh teine Dihaoine anns an deach piuthar dha agus ceathrar bhràthair a mharbhadh. Chaochail e trath sa mhadainn an-diugh ann an Ospadal na Cloinne ann am Birmingham

Teine an Inbhir Nis

Tha rannsachadh a' dol air adhart fhathast mu theine ann an Inbhir Nis air an deireadh sheachdain anns an do chaill boireannach òg a beatha. Chaidh taigh air Cearcall Chinn Tàile ann an sgìre Bhaile a' Chnuic na theine tràth madainn Disathairne. Chaidh corp a' bhoireannaich a thoirt às an toglach an-dèidh làimhe.

UBC

Bidh riochdairean an riaghaltais a' tadhal air trì de na làraich a bh'aig a' chompanaidh-thogail UBC an-diugh a' coinneachadh ris an fheadhainn a chaill an cosnadh. Chaidh còrr's 200 duine a phàigheadh dheth nuair a chaidh a' chompanaidh fodha an t-seachdain seo chaidh. Anns na h-Eileanan an Iar chaill 90 duine an cosnadh agus dh'fhalbh mu 100 obair ann an Inbhir Nis. Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil dòchas ann fhathast gum faigh feadhainn dhiubh sin obair a' cur crìoch air na cùmhnantan a bha aig UBC.

A' Ghrèig

Tha luach nan earrannan a' tuiteam air margaidhean ionmhais na h-Eòrpa leis a' mhì-chinnt a th'anns a' Ghrèig. Nì ceann-suidhe na Grèige oidhirp eile an-diugh air riaghaltas a stèidheachadh ann an eiginn gus nach tig orra taghaidhean eile a chumail. Ma thig orra taghaidhean eile a chumail air an ath-mhìos tha dragh ann gur e ceum eile a bhiodh ann gu ruige na Grèige a bhith a' fàgail Sòn an Euro.