Uardan gan dùnadh air Ghàidhealtachd

  • 11 An Cèitean 2012
Glanadh làimhe Image copyright SPL

Chaidh uardan a dhùnadh aig Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis agus Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige, 's dùil gu bheil tinneas dìobhart a' gheamhraidh air nochdadh ann.

Tha còignear euslainteach agus dithis luchd-obrach tinn air uard Rosebank ann an Ospadal Ghallaibh.

Tha deichnear euslainteach 's deichnear luchd-obrach tinn air uard 2A aig Ospadal an Rathaig Mhòir.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh air duine a bha còir thighinn dhan ospadal 's air an robh comharran den tinneas, fios a chur air an dotair teaghlaich, neo uard an ospadail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile