238 a' call cosnaidh aig UBC

  • 11 An Cèitean 2012
UBC
Image caption Chaidh a' chompanaidh a bhonntachadh o chionn 40 bliadhna ann an Uibhist

Caillidh 238 duine an cosnadh aig a' chompanaidh Uist Builders Group, a chaidh ann an rianachd an t-seachdain seo.

Tha 90 de na daoine sin anns na h-Eileanan Siar, le 98 eile ann an Inbhir Nis.

A thuilleadh air sin, caillidh 45 duine an cuid obrach ann am Bathgate, agus còignear ann an Stepps ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.

Thuirt an luchd-rianachd, Zolfo Cooper, gun sguireadh gnothaichean aig UBC Group, Wyvis Building Services agus Mardon Project Services sa bhad.

Bhathas a' sireadh thagraidhean airson pàirtean den ghnìomhachas, gus an gabhadh luach a ghlèidheadh anns a' chompanaidh.

Chaidh aithneachadh tron phròiseas ge-tà, nach robh suidheachadh ionmhasail na buidhne air fad seasmhach.

Aig an ìre seo, tha an luchd-rianachd ag ràdh nach eil buaidh sam bith air raon eile den bhuidhinn, Wyvis Roofing, agus tha iad an dòchas gun tèid aca air an gnìomhachas sin a reic an ath-sheachdain, le mu 30 cosnadh gan glèidheadh.

Chaidh innse gu pearsanta don fheadhainn a chailleas an cuid obrach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile