Dà thubaist-rathaid air Ghàidhealtachd

  • 11 An Cèitean 2012

Tha Poilis a' Chinn a Tuath air a bhith a' dèiligeadh ri dà thubaist-rathaid fa leth tron mhadainn.

Chaidh fear a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis às dèidh tubaiste air an A82 aig an Dabhach Dhearg ri taobh Loch Nis anns nach robh ach an aon charbad an sàs.

Agus tha dà charbad air a bhith ann an tubaist air an A832 aig Achadh an Uillt faisg air Gairbh.

Thuirt na Poilis nach eil duine air an droch leòn às dèidh na tubaiste.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile