Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leveson

Tha an tè a bha na h-àrd-stiùiriche air News International, Rebekah Brooks, air aideachadh gun d'fhuair i teachdaireachd taic bhon Phrìomhaire ag iarraidh oirre a ceann a chumail an-àirde às dèidh dhi a dreuchd a leigeil dhith ri linn sgainneal farchluais fònaichean an News of the World. Thuirt i nach e teachdaireachd dhìreach a bh' ann bhuaithe. Tha i a' toirt seachad fianais an-diugh aig Rannsachadh Leveson mu na meadhanan.

Comataidh na Gàidhlig

Tha co-bhanntachd riaghlaidh ùr Chomhairle na Gàidhealtachd a' dol a chur às do Chomataidh Ghàidhlig na Comhairle. Tha a' bhuidheann - an SNP, na Lib-Deamaich agus na Làbaraich, airson a' Ghàidhlig a bhith na pàirt den a h-uile comataidh seach aon chomataidh shònraichte a bhith ann. Ach tha fear a bha ron a seo na chathraiche air Comataidh Gàidhlig na Comhairle, an Neo-eisimeileach Hamish Friseal, air slaic a thoirt air a' phlana, ag ràdh gur e ceum air ais a th' ann a nì dìmeas air a' chànan.

Dàibhear

Chaidh dàibhear a bhàsaich faisg air an Òban ainmeachadh leis na Poilis. Chaidh aithris Dimàirt gun robh Iain Skerry a dhìth às dèidh dha a bhith a' dàibheadh air long-brisidh ann am Bàgh Àrd-Mhuicinnis. Bha Mgr Skerry, a bha 52 agus a bhuinneadh do Huntingdon ann an Sasainn, na Chomhairliche.

Teine Mairbhteach

Tha còignear chloinne eadar 5 agus 10 bliadhna de dh'aois air bàsachadh ann an teine dachaigh ann an Derby. Tha an siathamh duine-cloinne, a tha 13, fo chobhair shònraichte san ospadal. Thugadh dithis inbheach chun an ospadail cuideachd, ach chan eil iadsan air an droch leòn. Tha Poilis a' rannsachadh dè dh'adhbharaich an teine goirid ro 04:00m.

Edwin Brown

Tha fear a bha sa phrìosan airson a' bhean aige a mharbhadh air bàsachadh anns na ospadal. Bha Edwin Brown, a bha còrr air 70 bliadhna de dh'aois, an grèim aig prìosan fhosgailte Chaisteil Hunndaidh faisg air Dùn Dè. Chaidh binn seachd bliadhna prìosain air ann an 2008 airson a' bhean aige, Anna, a mharbhadh le coire, aig an dachaigh ann an Loch an Inbhir.

Bàigh na Hearadh

Dh'aontaich a' mhòr-chuid de dhaoine a bh' aig coinneimh phoblaich ann an ceann a deas na Hearadh an-raoir, gluasad air adhart le iomairt Oighreachd nam Bàgh a cheannach dhan choimhearsnachd. Tha an t-òighreachd a' gabhail a-steach taobh sear an eilein bhon Chadha dhan Taobh Tuath taobh nam Bàgh, agus Eilean Bheàrnaraigh cuideachd.

Tuath-gaoithe

Chuir Dualchas Nàdarra na h-Alba an aghaidh phlanaichean airson tuath-gaoithe anns am biodh 22 chrann, air talamh a bhuinneas do Mhohamed al Fayed ann an Cataibh. Tha a' bhuidheann ag ràdh gun deadh mòran talamh fhiadhaich a chall fo mholaidhean air fearann le dà oighreachd faisg air an Luirg.