Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha telebhisean na Stàite ann an Siria ag ràdh gun deach mu 40 duine a mharbhadh nuair a sprèadh dà bhoma ann an càraichean sa phrìomh bhaile Damascus. Chaidh còrr math agus 150 duine a leòn. Tha telebhisean na Stàite ag ràdh gur e ionnsaighean ceannairc a bh' ann. Ach tha na buidhnean dùbhlain a' cur coire air an Riaghaltas.

Stailc

Tha oifigich nam prìosan air feadh Alba a' gabhail pàirt a-niste ann an stailc luchd-obrach na roinne poblaich a tha a' gearain mu atharrachaidhean ann am peinsean. Dh'fhàg iad an t-àite-obrach sa mhadainn an-diugh, ged nach eil, aonta ann mu stailc eadar iad fhèin (Comann nan Oifigear Prìosain) agus Seirbheis Prìosain na h-Alba. Tha e mì-laghail do dh'oifigich phrìosain ann an Sasainn 's anns a' Chuimrigh a dhol air stailc, ged nach eil ann an Alba. Tha dùil gu bheil mu 400,000 de luchd-obrach na roinne poblaich air stailc air feadh Bhreatainn an-diugh.

Feachdan nam Poileas

Aig an aon àm bidh suas ri 20,000 oifigear poilis a' caismeachd ann an Lunnainn an-diugh an aghaidh atharrachaidh a tha Riaghaltas Westminster ag iarraidh a thoirt air feachdan poilis Shasainn agus na Cuimrigh. Bidh oifigearan poilis Albannach ann cuideachd, a' cur taic ri an co-obraichean aig deas.

Trioblaidean Ionmhais

Tha Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, a' diùltadh a cùrsa atharrachadh air an dòigh sa bheil i a' dèiligeadh ri trioblaidean ionmhais an Eurozone. Dh'innis i do Phàrlamaid na Gearmailt gum feum fiachan a ghearradh agus fàs eaconamach a bhrosnachadh, ach gur e mearachd a bhiodh ann sin a dhèanamh le bhith a' gabhail tuilleadh airgid air iasad. Tha a' Ghrèig 's an Fhraing ag iarraidh faochaidh bho ghearraidhean agus cùmhnadh.

Loch Bhéal Feirste

Tha luchd-teasairginn fhathast ri rannsachadh an dèidh aithrisean gun do thuit leanabh dhan mhuir far a' bhàt-aiseig eadar Càrn Rìoghaine agus Béal Feirste an-raoir. Chaidh boireannach a thogail às an uisge, an dèidh dhise a dhol dhan mhuir far soithich le Stennaline. Tha ise san ospadal ann am Béal Feirste an dèidh a lathadh leis an fhuachd.

Stèiseanan Smàlaidh

Chaidh gealltainn aig coinneimh phoblaich ann an Steòrnabhagh an-raoir nach tèid gin de stèiseanan smàlaidh a' chinn a tuath a dhùnadh cho fad 's is urrainn do choimhearsnachd criubha a chumail riutha. Bha dithis iar-àrd-oifigear-smàlaidh an làthair, a thuirt fiù 's ged a bhiodh duilgheadas ann le criubhaichean, gun tèid coinneachadh ris a' choimhearsnachd airson dòigh fhaighinn air criubha a chumail. Chaidh gealltainn cuideachd nach fhulaing an t-seirbheis nuair a thèid an t-aon sheirbheis smàlaidh nàiseanta a stèidheachadh.