Gealltanas mu stèiseanan Smàlaidh

  • 10 An Cèitean 2012
Inneal-smàlaidh Image copyright bbc

Chaidh gealltainn aig coinneimh phoblaich ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain nach tèid gin de stèiseanan smàlaidh a' chinn a tuath a dhùnadh cho fad 's gun urrainn do choimhearsnachd criubha a chumail riutha.

Bha dithis iar-àrd-oifigear-smàlaidh an làthair aig a' choinneimh, a thuirt gun tèid coinneachadh ris a' choimhearsnachd airson dòighean fhaighinn air criubha a chumail, fiù 's ged a bhiodh duilgheadas ann.

Chaidh gealltainn cuideachd nach fhulaing an t-seirbheis nuair a thèid aon sheirbheis smàlaidh nàiseanta a stèidheachadh.

"Feumar ceathrar dhaoine mus tig inneal-smàlaidh a-mach às an stèisean, agus feumaidh sin a bhith ann fad an là a h-uile là," thuirt Stiùiriche Faire na Seirbheis ann an Steòrnabhagh.

"Bidh iad a' bruidhinn ri coimhearsnachdan agus ag innse dhaibh gum feum sin a bhith aca.

"'S e an t-eagal a th' ann, mur an urrainn dhaibh daoine a bhith aca airson na tha sin de dh'ùine, 's dòcha gum feum iad coimhead ri dòigh air choireigin eile airson an cumail fosgailte, air neo aig an fhìor dheireadh, 's dòcha gum feum iad dùnadh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile