Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Òraid na Bànrighinn

Tha Buill-Phàrlamaid agus na Morairean a' cruinneachadh gu Òraid na Bànrighinn aig Westminster, far an tèid planaichean Riaghaltas na Co-bhanntachd fhoillseachadh. Tha dùil ri molaidhean airson brosnachadh a thoirt air an eaconamaidh, atharrachadh ann an siostam nam peinsean, agus na bancaichean. Agus a dh'aindeoin ghearainnean bho chùl-bheingearan Tòraidhean, tha dùil ri bile airson ath-leasachadh a thoirt air Taigh nam Morairean.

Bàs

Chaochaill duine anns an deach carbad a bhualadh a dh'aona-ghnothaich ann an Newmains ann an ceann a tuath Shiorrachd Lannraig. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm dhan sgìre mu 11:00f an-raoir. Chaochaill aon duine a bha 23 bliadhna de dh'aois, san ospadal ann an Wishaw, agus tha duine eile fhathast san ospadal. Tha oifigearan poilis fhathast air an làraich ann an Cearcall Crindledyke, ann an Newmains.

Rangers

Tha trì buidhnean deiseil le tairgse airson Rangers a cheannach a rèir luchd-rianachd a' chluba, Duff agus Phelps, an dèidh dhan fhear-gnothaich Aimeireaganach Bill Miller a thairgse, ris an deach gabhail, a tharraing air ais. Thuirt Duff and Phelps gu bheil iad a-nis a' coimhead ri dà bhuidhinn air Tìr Mòr na h-Eòrpa, agus buidheann a tha stèidhichte ann an Sasainn.

UBC

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun toir iad a h-uile taic is urrainn dhaibh do dh'fhaisg air 300 de luchd-obrach a th' ann an cunnart an cosnadh a chall aig a' chompanaidh UBC, a th' ann an rianachd. Tha an luchd-rianachd Zolfo Cooper ag ràdh gum feuch iad ris a' chompanaidh, aig a bheil oifisean stèidhichte anns na h-Eileanan Siar, Inbhir Nis agus meadhan na h-Alba, a chumail a' dol. Thuirt Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, gum feum barrachd a dhèanamh airson obair a chumail ri companaidhean ionadail ann an sgìrean mar na h-Eileanan far a bheil an eaconamaidh cugallach.

Clinton Cards

Tha a h-uile coltas gu bheil a' chompanaidh Clinton Cards air slighe gu rianachd. Dh'iarr iad an-diugh stad a chur air reic earrainnean na buidhne air margaidhean ionmhais Lunnainn, ged a tha na bùthainnean aca fhathast fosgailte. Tha 50 bùth aig Clintons ann an Alba.

Thèid binn a chur an-diugh air an naoinear à Greater Manchester a bha an sàs ann am buidhinn a thug ionnsaighean drabasta air nigheannan òga. Ghabh na fireannaich, à Rochdale agus Oldham, brath air nigheannan - tè cho òg ri 13 bliadhna de dh'aois, le an ullachadh airson feise agus a' toirt ionnsaighean drabasta orra.