Taic ga gealltainn do luchd-obrach UBC

  • 9 An Cèitean 2012
UBC
Image caption Tha 277 duine an cunnart an cosnaidhean a chall

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun toir iad a h-uile taic is urrainn dhaibh do 277 duine de luchd-obrach UBC a tha an cunnart an cosnaidhean a chall.

Tha a' chompanaidh, a chaidh a bhonntachadh ann an Uibhist o chionn 40 bliadhna, air a dhol ann an rianachd.

Tha an luchd-rianachd, Zolfo Cooper, ag ràdh gum feuch iad ris a' chompanaidh, aig a bheil oifisean stèidhichte anns na h-Eileanan Siar, Inbhir Nis agus meadhan na h-Alba, a chumail a' dol.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' rannsachadh mar is urrainn dhaibhsan cuideachadh a thoirt don t-suidheachadh.

Luach a Ghlèidheadh

Ged a tha a' chompanaidh a' dèanamh obrach airson na Comhairle, tha dragh orra mu chall-cosnaidh, agus call don eaconamaidh.

Tha cuid an dòchas gun gabh pàirt den chompanaidh, anns na h-Eileanan, a ghlèidheadh.

"Aig an ìre seo tha e cudromach dhuinne a bhith a' tuigsinn na tha a' tachairt, 's na buaidhe a tha gu bhith aige," thuirt Stiùiriche Leasachaidh Eaconamaich na Comhairle, Calum Iain MacÌomhair.

"'S e àm duilich a tha seo don eaconamaidh nàiseanta agus ionadail. Tha sinn a' faicinn air feadh na h-Alba anns a' bhliadhna a chaidh seachad gu bheil 200 companaidh air a dhol à bith.

"Tha sinne ag iarraidh co-obrachadh leis an luchd-rianachd, tuigse na tha an luchd-rianachd a' dèanamh, a bheil càil ann is urrainn a bhith air a shàbhaladh a-mach às a' chompanaidh, agus na 's urrainn dhuinn a dhèanamh air cùlaibh sin," thuirt e.

Tha an luchd-rianachd fhèin ag amas air an luach as motha a ghlèidheadh sa chompanaidh, gus an gabh obraichean a chumail.

"'S e an obair againne a-nis, coimhead ris a' chompanaidh agus a dèanamh seasmhach, agus coimhead ris a h-uile roghainn a th' ann," thuirt Robin Knight, bho Zolfo Cooper.

"Bidh sinn ag obrachadh gu dlùth le luchd-sòlarachaidh agus luchd-ceannaich, feuch luach a ghlèidheadh anns a' chompanaidh seo.

"Mar is motha an luach a ghlèidheas sinn, agus mar as motha a dh'obraicheas sinn leis na daoine leis a bheil cùmhnantan againn, 's ann as fheàrr a tha an cothrom air cosnaidhean a ghlèidheadh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile