Buill ùr Bhòrd na Gàidhlig

Chaidh ceathrar bhall ùr ainmeachadh airson Bòrd na Gàidhlig.

'S iad sin June Ghreumach, Colla Dòmhnallach, Shona NicIllFhinnein agus Coinneach MacNeacail.

'S ann à Glaschu a tha June Ghreumach, agus tha ceanglaichean teaghlaich aice ris an Eilean Sgitheanach.

Tha i an-diugh a' fuireach ann an Leòdhas far a bheil i pòsda le triùir chloinne.

Buinidh Colla Dòmhnallach dhan Eilean Sgitheanach ach tha e an-diugh ag obair na chunntasair ann an Inbhir Nis.

'S ann à Drochaid an Aonachain a tha Shona NicIllFhinnein agus dh'ionnsaich i a' Ghàidhlig na h-inbheach.

Tha Coinneach MacNeacail, a bhoineas do Leòdhas, air a bhith ag obair na thidsear ann an Tiriodh bho chionn trì bliadhna.

Fàilte

Thuirt Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, Ealasaid Nic an t-Saoir, gu robh i a' cur fàilte mhòr air na bùill ùra.

"Còmhla, tha iad a' toirt sgilean agus eòlas sònraichte chun a' Bhùird, nam measg sgilean ionmhais agus leasachadh anns a' choimhearsnachd, eòlas praictigeach ann an foghlam Gàidhlig agus ionnsachadh cànain" thuirt i.

'S e dreuchdan pàirt-ùine a th' annta, agus tha tuarastal de £6200, mu choinneamh gealltanas de thrì là frithealaidh gach mìos, nan cois.

Bidh na dreuchdan a' leantainn fad trì bliadhna, gu toiseach a' Ghiblein, 2015.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.