Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Libia

Tha Ard-Neach Tagraidh na h-Alba agus Stiùiriche an FBI air a bhith air turas dìomhair gu ruige Libia, airson coinneamhan an co-cheangail ri rannsachadh air cùis Locarbaidh. Bha Frank Mullholland agus Robert Mueller ann an Tripoli air an t-seachdain seo chaidh. Thuirt ughdarrasan Libia gu bheil iad a' tuigsinn cho cudromach sa tha e a bhith a' dèiligeadh le na chaidh air fhàgail le riaghaladh a' Chòrnaileir Gadaffi, an dà chuid ann an Libia agus thall thairis.

Afghanistan

Tha iomairt fèin-mharbhteach air co-dhiubh seachdnar a mharbhadh ann an Afghanistan, beagan uairean as-dèidh do Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Barrack Obama, a bhith san dùthaich. Bha an Ceann-Suidhe Obama ann an Afghanistan bliadhna chun an là bho chaidh Osama Bin Laden a mharbhadh, agus e a' cur ainm ri aonta a mhaireas deich bliadhna eadar an dà dhùthaich, mun chàirdeas a bhios ann eatorra nuair a thig iomairt NATO gu crìoch ann an 2014. Dh'innis an Taleban gur h-iadsan a bh'air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Tubaist

Tha rathad air Ghàidhealtachd fhathast dùinte as-dèidh mar a chaidh fear-motor-baighsagal à Yorkshire a mharbhadh an-raoir ann an tubaist rathaid ann an Loch Abar, an darna tubaist de sheòrsa air Ghàidhealtachd anns na ceithir laithean a dh'fhalbh. Chaidh na seirbheisean-eiginn a ghairm gu rathad an A86 mu chòig mìle an ear air Drochaid Ruaidh, as-dèidh tubaist eadar bhan agus motor-baighsagal. Tha an rathad fhathast dùinte a' dol an dà thaobh, ach tha na poilis an dòchas gun tèid aca air an rathad fhosgladh ro mheadhan là, as-dèidh dhaibh an tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.

Rupert Murdoch

A-rèir a' Bhuill Phàrlamaid Làbaraich, Jim Sheridan, tha feum air an tuilleadh soilleireachaidh mun chàirdeas eadar Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, agus Rupert Murdoch. Tha Mgr Sheridan air Comataidh Chultair Westminster, a cho-dhùin ann an aithisg an-dè nach e duine freagarrach a th' ann an Rupert Murdoch airson companaidh eadar-nàiseanta a ruith. Cuideachd, chuir a' chomataidh às leth triùir de cheannardan News Corporation gun do mheall iad a' phàrlamaid.

Sreapadair

Tha iomairt-rannsachaidh a' leanntainn an-diugh airson fear-coiseachd nam beann a tha dhìth. Cha deach an duine, a tha 73, fhaicinn bho Dhihaoine, agus e a' coiseachd mun cuairt Gleann Deisearaidh faisg air a' Ghearasdan. Bha heileacoptair bho Inbhir Losaidh agus sgioba-teasargainn nam beann an Loch Abar uile an-sàs anns an rannsachadh an-dè, ach cha deach sgeul fhaighinn air an duine.