Obair-leasachaidh air seann eaglais

  • 1 An Cèitean 2012
Eaglais Chille Mhìcheil
Image caption Tha planaichean ann airson an eaglais a dhèanamh na h-ionad dualchais

Tha coimhearsnachd anns an Eilean Dubh ag amas air còrr is £600,000 a thogail airson seann eaglais anns an sgìre a chàradh.

Tha eachdraidh Eaglais Chile Mhìcheil a' dol air ais gu àm nam meadhan aoisean, ged nach deach a cleachdadh bho mheadhan na h-ochdamh linn deug.

Tha planaichean ann a-nis airson ionad-dualchais a dhèanamh dhith.

Cha deach an eaglais a chleachdadh bho 1769 às dèidh mar a thàinig dà pharaisde anns an sgìre - Cille Mhìcheal agus Cùl a' Chudainn - còmhla.

Cha deach càil a dhèanamh rithe thar nam bliadhnaichean agus tha i a-nis ann am fìor dhroch stait.

Glèidheadh

Tha Urras a-nis air a stèidheachadh ann an oidhirp an eaglais a shàbhaladh.

Tha Cathraiche an Urrais sin, Jim MacAoidh, ag iarraidh gun deadh seann chlachan-uaigh bhon sgìre a thaisbeanadh anns an eaglais.

Fhuair an t-Urras airgead bho Alba Aosmhor agus Stòras Dualchais a' Chrannchair Nàiseanta, ach tha tuilleadh a dhìth orra fhathast.

Tha iad an dòchas, ma thèid leotha, gun tòisich obair air an eaglais tràth an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile