Taic-airgid do bhuidhinn-cobhair

  • 30 An Giblean 2012
Carbad ùr HebSAR Image copyright Other
Image caption Tha HebSAR air an taic-airgid a chleachdadh airson carbad-eiridinn 4x4 ùr a cheannach.

Chaidh taic-airgid de chòrr is £10,000 a thoirt seachad do bhuidhinn a bhios a' cuideachadh le iomairtean-teasairginn anns na h-Eileanan an Iar.

Chaidh a' bhuidheann shaor-thoileach HebSAR (Hebrides Search and Rescue) a stèidheachadh bho chionn trì bliadhna.

'S e prìomh amas na buidhne cuideachadh a thoirt seachad dha na poilis ann an iomairt-teasairginn, is bidh iad cuideachd a' cur taic riutha ann an suidheachadh mòr eiginn.

A bharrachd air a sin bheir iad cuideachadh dhan choimhearsnachd nuair a bhios fìor dhroch shìde ann.

'S e Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a tha air an taic-airgid, luach £10,453 uile gu lèir, a thoirt seachad.

Rinn Àrd-Stiùiriche a' Bhùird, Gòrdan Jamieson, moladh air obair HebSAR.

Taic

"Tha HebSAR mar-thà air taic shònraichte a thoirt dhuinn, gu h-àraidh nuair a bha tòrr sneachd is deigh againn ann an 2010/11, is mar a ghluais iad luchd-cùraim gu dachaidhean nan euslainteach."

"Tha sinn cho toilichte cuideachadh a chumail riutha gus an toir iad leasachadh air na seirbheisean aca", thuirt e.

Tha HebSAR mar-thà air an t-airgead a chosg air carbad-eiridinn 4x4 ùr, a' ciallachadh gu bheil a-nise dà charbad aca uile gu lèir.

A bharrachd air a sin tha iad air uidheamachd eile a cheannach gus cobhair a dhèanamh air daoine.

Thuirt a' bhuidheann gun tig leudachadh air na comasan aca air sàilleabh an airgid a fhuair iad.

Dh'innis iad cuideachd gun deach iarratas a chur gu eòlaichean bho Chomataidh Luchd-Teasargainn nam Beann an Alba, tighinn dha na h-Eileanan an Iar, gus trèanadh a thoirt do bhuill HebSAR air mar a ghabhas an uidheamhachd ùr a chur gu feum.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile