Beàrn aig a' mhullach ga lughdachadh

  • 30 An Giblean 2012
Gleann Urchadain is a' Mhanachainn Image copyright Neil Paterson
Image caption Rinn Gleann Urchadain a' chùis air a' Mhanachainn gu furasta, 6-1.

Le Baile Ùr an t-Slèibh nan tàmh aig an deireadh-sheachdain ghabh Lòbhat is Ceann Loch Seile brath air an t-suidheachadh gus a' bheàrn aig mullach na Prìomh Lìog a ghearradh gu dìreach puing.

'S e mar a thàinig Lòbhat air ais an aghaidh a' Ghearasdain, 's dòcha, sgeulachd mhòr na deireadh-sheachdain.

Bha balaich a' Ghearasdain air thoiseach 2-0 tràth sa gheama agus ann an deagh shunnd son na puingean a ghlèidheadh.

Gu follaiseach ge-tà tha sgioba Lòbhat a' tighinn air adhart is thill iad air ais gu 2-2, le dà thadhal bho Ghreg MacMhathainn, fear a tha a' sìor a chosnadh cliù dha fhèin ann an iomain an-dràsta.

Thàinig tadhail a bharrachd bho Mhàrtainn Bell is Friseal Gallagher son a' gheama fhàgail 4-2 son balaich Chill Tharglain.

Bha strì mhòr aig Lòbhat gus an t-àite aca sa Phrìomh Lìog a chumail an-uiridh, ach as dèidh dhaibh tòiseachadh cho math am bliadhna bidh dòchas aca gu bheil lìnn ùr shoirbheachail romhpa mar chluba.

Rinn Ceann Loch Seile, a tha iad fhèin a' soirbheachadh gu mòr sa chiad bhliadhna aca aig an ìre seo, a' chùis air Eilean Bhòid 4-2.

'S e geama faisg a bh' ann is cha robh Ceann Loch Seile cinnteach air na puingean gus an do chuir Donnchadh 'Ach' MacRath an darna tadhal aige den gheama sa mhionaid mu dheireadh.

Soirbheachadh

Tha Caol Bhòid sa cheathramh àite san lìog as-dèidh soirbheachadh 2-0 an aghaidh Chill Mhàilidh, ann an geama a chaidh air adhart aig pàirc ùr Shrath Chura, is pàirc Chaol Bhòid fo thuill.

Tha Cill Mhàilidh fhathast aig bonn na lìog le dìreach aon phuing agus coltas cugallach dha-rìribh air an t-suidheachadh aca fiù 's aig an ìre thràth seo den t-seusan.

San aon gheama eile sa Phrìomh Lìog 's e Raghnall Ros, aon uair eile, a rinn an diofar eadar Inbhir Aora is Ceann a' Ghiuthsaich.

Chrìochnaich an geama 3-0 do Cheann a' Ghiuthsaich agus an Rosach a' cur nan tadhal air fad.

Ann an Cupa MhicThàmhais ghluais Gleann Urchadain dhan iar-chuairt dheireannaich, is iad a' toirt droinneadh dhan a' Mhanachainn 6-1.

Sa gheama shònraichte iomain/iománaíocht eadar sgioba Feachdan Bhreatainn is Feachd Dìon na h-Èireann, 's iad na h-Èireannaich a rinn a' chùis.

Chrìochnaich an geama aig Pàirc a' Bhucht 24-4 ann am fàbhor sgioba na h-iománaíocht

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile