"Dh'aidich e"

  • 27 An Giblean 2012

Tha fianais aig cùis-lagha Nat Fhriseil air cantainn gun dh'aidich Mgr Friseal gun mhort e a bhean.

Chaidh Arlene Fhriseal, 33, a dhìth bho a dachaigh ann an Eiliginn ann an 1998.

Tha Nat Friseal, 53, a' dol às àicheadh gun mharbh e i.

Thuirt an fhianais Eachann Dick gun tuirt Mgr Friseal ris gun deach "an corp a chur na theine 's nach biodh DNA ann", gun deach a phronnadh agus a sgaoileadh agus nach deigheadh càil a lorg.

Tha Mgr Friseal ag ràdh gu dòcha gur e Mgr Dick a bh' air cùlaibh mort Arlene.

Bha Mgr Dick ag ràdh gun d' fhuair Mgr Fiseal cuideachadh "bho dheas" agus gun tuirt e: "Dh'fhalbh i agus cha thill i."

Tha a' chùis, leis a' Mhorair Bracadail, a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo