Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hunt

Tha Leas Cheannard nan Lib Deamach, Simon Hughes, ag iarraidh air a' Phrìomh Mhinistear, Dàibhidh Camshron, rannsachadh neo-eisimeileach òrdachadh air an àimhreit mu Rùnaire a Chultair, Jeremy Hunt. Dh'fhàg Adhamh Mac a' Ghobhainn, àrd-chomhairliche do Mhgr Hunt a dhreuchd an bhon-dè agus e ag aideachadh gun deach e ro dhlùth air News Corporation aig Rupert Murdoch nuair a bha a' bhuidheann sin a' feuchainn ri làn-smachd fhaighinn air BSkyB. Tha Mgr Hunt fhèin ag ràdh gun do rinn esan a h-uile dad mar bu chòir agus thuirt e an-diugh gun toir e clàr den a h-uile conaltradh eadar e fhèin agus Adhamh Mac a' Ghobhainn do rannsachadh Leveson.

Salmond

Chuir Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, dìon air Alex Salmond, an dèidh dha tighinn am follais nach do dh'innis Prìomh Mhinistear na h-Alba, mu choinneamh eadar e fhèin agus Rupert Murdoch bho chionn ceithir bliadhna. Thuirt Nicola Sturgeon gur ann a' dèanamh argamaid do chosnaidhean ann an Alba a bha Mgr Salmond leis gu bheil Sky a' toirt cosnadh do mhòran ann an Alba.

Rangers

Tha Ticketus, a' bhuidheann a chur taic airgid ri Craig Whyte nuair a cheannaich e Rangers an-uiridh, a' tarraing a-mach às a bhuidhinn Blue Knights, aon bhuidheann den na dhà a tha fhathast deònach Rangers a ghabhail thairis. Tha e coltach nach eil Ticketus toilichte a dhol air adhart an dèidh peanas an SFA air Rangers aig toiseach na seachdain seo. Ach tha còir fhathast aig Ticketus air stòras a bhuineas do Chraig Whyte agus dh'fhaodadh sin a bhith cudthromach ann a bhith a' toirt air dealachadh ris na h-earrannan a tha aige sa chlub.

Siria

Thuirt Àrd Rùnaire an UN, Ban Ki-moon, gu bheil dragh mòr air mu aithrisean ann an Siria gu bheil feachdan an riaghaltais fhathast a' losgadh air sgìrean anns a bheil sluagh a' fuireach. Thuirt e gu bheil iad gu follaiseach a' bristeadh a' phlana airson sìth. Thuirt Kofi Annan, an tosgaire eadar-naiseanta do Siria, nach urrainn do dhuine a ràdh gu bheil fois-fòirneart ann. Tha dùil gum bi còig duine deug eile de luchd-faire an UN a' dol gu ruige Siria air an deireadh sheachdain.

Cumhachd uaine

Fhuair pròiseact airson dealan a chruthachadh bho chumhachd nan tonn air cladach Leòdhais cead bho Oighreachd a' Chrùin airson a dhol air adhart lem planaichean. Bha pròiseact Wavegen, faisg air Siadar, an dùil sgeama anns an robh ceithir megawatt a chur air adhart. Ach, tha iad a-nis air aonta fhaighinn airson pròiseact gu math nas motha a-nis le suas ri deich thar fhichead megawatt.

Dealan Ìle

Tha muinntir Ìle ag iarraidh fhreagairtean do thrioblaid le bristeadh ann an seirbheis dealain an eilein na h-uimhir de thursan anns na beagan mhìosan mu dheireadh. Gheall Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dè gun tog esan a' chùis le Scottish Hydro Electric - a tha cumail dealain ri Ìle. Thuirt Mgr Swinney gur e loidhne gu tìr-mòr bu choireach ach gun deach loidhne ur a chur ann. Thuirt fear de bhuill Earra-Ghàidheal, Jamie MacGriogair, gu bheil an trioblaid ann fhathast a dh'aindeoin loidhne ùr a chosg £8m.

Spòrs

Tha a h-uile dùil ri dearbhadh an-diugh gu bheil Pep Guardiola a' fàgail a dhreuchd mar mhanaidsear air Barcelona. Aig Farpais Snooker na Cruinne ann an Sheffield san darna cuairt tha Stephen Hendry, a thog an tiotail seachd tursan a' cluich Albannach eile, Iain Higgins, a ghlèidh an fharpais ceithir tursan agus a tha a' dìon na tiotail. Aig an ìre-sa tha Higgins 2-1 air thoiseach.