Fearg mu chùis euslaintich

  • 27 An Giblean 2012

Dh'fhaodadh gun tèid iarraidh air Rùnaire na Slàinte coimhead ri mar a chaidh euslainteach à Leòdhas fhàgail ceithir latha gun grèim bidhe.

Bha Seumas MacLeòid, 24, a' feitheamh ri obair-lannsa às dèidh dha a chas a bhristeadh gu dona.

Chaidh a thoirt dhan ospadal air Dimàirt an 17mh den Ghiblean agus cha deach e fo lannsa gu Là na Sàbaid an 22mh den Ghiblean.

Bha sin às dèidh dha sgèith a dh'Inbhir Nis agus a dh'Obar Dheathain.

Dàil

Chaidh innse dha Seumas MacLeòid ann an Steòrnabhagh gu feumadh e feitheamh ceithir latha airson a dhol fo lannsa.

Dh'innis doctairean ann an Steòrnabhagh dha nach robh na prìneachan aca airson a chas a shlànachadh.

Chaidh co-dhùnadh an uair sin a sgèith a dh'Inbhir Nis an ath latha, ach b' ann an latha às dèidh sin - Diardaoin - a chaidh plèana a chur air chois is dìth leapanan ann an Inbhir Nis.

Ach, nuair a bhathas a sgèith a dh'Inbhir Nis, nochd trioblaid leis an itealan agus b' fheudar dhaibh dèanamh air Obar Dheathain.

B' ann Oidhche Dhiardaoin a ràinig e Ospadal an Rathaig Mhòir agus plèana eile air a dhol à Glaschu a dh'Obar Dheathain airson a sgèith a dh'Inbhir Nis.

Biadh

Bha Dihaoine ann mus d' fhuair e air càil ithe, agus bha Là na Sàbaid ann mus deach e fo lannsa.

Tha an teaghlach feargach mun chùis agus thuirt fear-labhairt do Sheirbheis Carbanan-eiridinn na h-Alba gu bheil iad duilich mu na thachair agus gu bheil iad deònach coinneachadh ris an teaghlach.

Thuirt Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil e deònach a' chùis a sgrùdadh agus a thoirt nas fhaide ma dh'iarras an teaghlach air.