Cha chaill Muile poilis

  • 26 An Giblean 2012

Chuir Poilis Srath Chluaidh às de phlanaichean airson an àireamh de phoilis a th' ann am Muile a ghearradh, às dèidh de ghearanan nochdadh bhon mhòr-shluagh.

Tha an fheachd an-dràsta a' coimhead ris an cuid obrach ann an sgìre an Òbain, Latharna 's nan Eilean, agus chaidh innse dha poilis Mhuile an t-seachdain a chaidh gun robh iad a' beachdachadh air gearraidhean an sin.

Chaidh moladh an constabal a tha an Creag an Iubhair a ghluasad dhan Òban.

Cuideachd, bhiodh am plana a' ciallachadh gum biodh sergeant a th' ann an Tobar Mhoire anns an Òban airson an dàrna cuid dhan ùine.

Thuirt am Ball Pàrlamaid Albannach, Mìcheal Russell, gun dh'innis Poilis Srath Chluaidh dha gun leig iad às na planaichean.

Bha Mgr Russell ag ràdh gur e faochadh a tha sin.