Urchair Hellfire ga losgadh am Breatainn

  • 25 An Giblean 2012

Chaidh urchair Hellfire a losgadh ann am Breatainn airson a' chiad turas a-riamh, a rèir a' Chabhlaich Rìoghail.

Loisg dà heileacoptair Apache, a sgèith bhon HMS Illustrious, na rocaidean air targaidean aig muir far chosta cheann a tuath na h-Alba.

Bha na h-urchairean, a thèid tro thancaichean, air an cleachdadh roimhe ann an Afganastan agus ann an Libia.

'S e Joint Warrior an eacarsaich as motha a th' aig na feachdan armaichte.

Thèid crìoch a chur air Joint Warrior ann an West Freugh, deas air an t-Sròin Reamhair, an t-seachdain sa tighinn.