Arlene "airson dealachadh"

  • 25 An Giblean 2012

Chuala a' chùis-lagha aig fear à Moireabh a tha fo chasaid gun mhort e a bhean ann an 1998 gun robh i a' dol a choinneachadh ri fear-lagha mu dheidhinn sgaradh-posaidh fhaighinn an latha a chaidh i a dhìth.

Chaidh Arlene Fhriseal, 33 aig ann robh dithis chloinne, a dhìth bho a dachaigh ann an Eiliginn anns a' Ghiblean 1998.

Tha Nat Friseal, 53, a' dol às àicheadh gun mhort e Arlene.

Thuirt caraid dhi nach robh Nat agus Arlene rèidh nuair a chaidh i a dhìth.

Bha Patricia Gauld ag ràdh gun robh coinneamh gu bhi aig Arlene le fear-lagha air an dearbh latha a chaidh i a dhìth is i airson bruidhinn mu dhèidhinn dealachadh.

Thuirt i cuideachd gun robh i ag iarraidh an taighe agus gum biodh a' chlann còmhla rithe fhèin.

Tha a' chùis, leis a' bhritheamh am Morair Bracadail, a' leantainn.