Taic dibhe is drugaichean

  • 25 An Giblean 2012

Chaidh £700,000 a thoirt do Cho-bhanntachd Deoch-làidir agus Drugaichean Innse Gall.

Tha an t-airgead, bhon riaghaltas, airson na h-ath bhliadhna ionmhais.

Thèid a chleachdadh airson feuchainn ri daoine aig a bheil trioblaidean a chuideachadh tràth agus siostam taic a thabhann orra.

Chuir cathraiche na buidhne, an Àrd Inspector Gòrdan MacLeòid, fàilte air an airgead.

Feum

Bha e ag ràdh gun urrainn dhaibh mòran feum a dhèanamh leis air feadh nan eilean.

Thuirt Stiùiriche nan Seirbheisean Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAmhlaigh, gu bheil deoch-làidir na thrioblaid nas motha na drugaichean anns na h-eileanan.

Thuirt e gun deigheadh an t-airgead gu iomadh buidheann.