Co-chomhairleachadh mun Ghearraidh Chruaidh

  • 24 An Giblean 2012
Image caption Thèid beachdachadh air mar a ghabhadh an Gearraidh Chruaidh a dhèanamh nas goireasaiche

Cumar comhairleachadh poblach Diardaoin agus Dihaoine an t-seachdainn-sa mun dòigh anns an gabhadh leasachadh a dhèanamh air a' Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh.

'S e Urras Steòrnabhaigh agus Comhairle nan Eilean Siar a' tha a' cur a' cho-chomhairleachaidh air dòigh 's cothrom aig an t-sluagh beachd a thoirt air na tha a dhìth airson an t-àite a dhèanamh nas tarraingiche.

Bithear cuideachd a' beachdachadh air slighean-coiseachd ùr airson daoine a tha a' dol ann à meadhan a' bhaile.

Thuirt Cathraiche Urras Steòrnabhaigh, Murchadh Moireach, gu bheil na planaichean airson an Caisteal fhèin a' tighinn gu ìre agus gum bu mhiann leotha beachdan fhaighinn a-nis air mar a ghabhadh an t-àite timcheall air a leasachadh cuideachd.

Bidh cothrom aig daoine am beachd a thoirt seachad ann an Ionad Woodlands ann an Steòrnabhagh air Diadaoin, 26mh, eadar 7f agus 9f, neo ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh Dihaoine, 27mh, bho 12f gu 6f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile