Obraichean ùr ann an Steòrnabhagh

  • 24 An Giblean 2012
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Aonad Comhairliche ùr Steòrnabhaigh

Cruthaichidh a' chompanaidh chonaltraidh TalkTalk 25 obair ùr anns an ionad aca ann an Steòrnabhagh.

Tha a' chompanaidh cuideachd a' gealltainn tuilleadh trèanaidh a thoirt dhan luchd-obrach a th' aca, agus ath-sgrùdadh a dhèanamh air ìrean-pàighidh.

Tha seo a' tachairt aig àm nuair a tha a' chompanaidh a' gearradh cha mhòr ceithir cheud cosnadh ann am pàirtean eile dhen rìoghachd.

An lùib nan gearraidhean sin, bidh iad a' beachdachadh air an ionad aca ann an Northampton a dhùnadh.

Tha ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, a-measg na chur fàilte air na h-obraichean ùra.

"Tha mi an dòchas gun tig tuilleadh leudachaidh air a' chompanaidh, agus air gnìomhachasan eile anns na h-Eileanan, agus gun tèid gu math dhaibh anns na bliadhnaichean ri teachd", thuirt e.