Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Chaidh còignear dhaoine a chur an grèim ann an Luton na bu tràithe an-diugh fo amharas gun robh iad ri ceannairc agus tha poilis a' rannsachadh na dachannan. Thuirt Scotland Yard gu bheil iad air a bhith ag ullachadh agus a' cumail sùil air an t-suidheachadh seo bho chionn ùine.

Poileasaidh

Dh'fhoillsich buill-pàrlamaid aithisg a tha a' togail cheistean mu phoileasaidh agus planaichean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Tha comataidh thaghte airson riaghladh poblach ag ràdh gur e mearachdan agus cion lèirsinn as coireach ris na trioblaidean a tha air a bhith a' buaireadh an riaghaltais bho bha am buidseat ann air a mhìos a chaidh agus gur e poileasaidh san ùine aithghearr a tha am beachd an riaghaltais.

Referendum

Tha eòlaiche air a' chuspair ag ràdh gur e aon cheist bu choir a bhith air pàipear-baileit referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba. Tha Ron Gould, an t-eòlaiche eadar-nàiseanta a rinn sgrùdadh air a' bhùrach a bh' ann aig taghaidhean na h-Alba ann an 2007, ag ràdh nach dèanadh dà cheist dad ach mì-chinnt agus buaireadh.

Life Technologies

Tha companaidh mhòr Ameireaganach a' cur £12m ri leudachadh air an làraich aca ann an Siorrachd Rinn Friù. Tha Life Technologies a' dèanamh stuth airson a chleachdadh ann an deuchainn-lann agus ag ullachadh DNA airson sgrùdadh meadaigeach.

Drugaichean

Tha duil ri duine, a tha 22, mu choinneamh na cùirte anns a' Ghearasdan an-diugh co-cheangailte ri drugaichean mì-laghail. Chaidh 14 duine às a' bhaile dhan ospadal air an deireadh sheachdain an dèidh dhaibh drugaichean a ghabhail agus iad den bheachd gur e valium a bh' annta.

Poileas

Tha fear de dh'oifigearan Poilis a' Chinn a Tuath fo chasaid gun tug e dithis nighean am bruid à dachaigh chloinne an-uiridh. Tha e cuideachd fo chasaid gun do mhaoidh e air gille le bata-poilis aig an dachaigh sin san Iuchair an-uiridh. Agus tha casaid eile na aghaidh, còmhla ri oifigear poilis eile, gun do mhaoidh e air an dithis nighean. Tha a' chùis fhathast mu choinneamh na cùirte ann an Inbhir Pheofharan. Thuirt Poilis a' Chinn a Tuath gu bheil casg rè-ùine bhon obair air an dithis oifigear.

News International

Tha Seumas Murdoch, a bha na chathraiche air News International, a' toirt fianais an-drasta do rannsachadh Leveson air dòighean obrach nam meadhanan-naidheachd. Thèid a cheasnachadh mu fhar-chluais air fònaichean aig an News of the World nuair a bha esan os cionn gnothaich. Bidh athair, Rupert Murdoch, mu choinneamh an rannsachaidh a-màireach.

Bus

Chaidh bus sgoile na theine an-diugh ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh a' chlann a thoirt far a' bhus agus cha deach duine a ghoirteachadh. Chaidh rathad an A9 a dhùnadh airson ùine eadar Baile Chloichridh agus Peairt aig Baile an Luig.

Spòrs

Spòrs, agus tha luchd-rianachd Rangers Duff is Phelps a' càineadh co-dhùnadh an SFA, a chur casg fad bliadhna orra bho chluicheadairean ùra fhastadh. Thuirt Duff & Phelps gur e buille mhòr a tha seo dhan oidhirp air a' chlub a reic. A bharrachd air sin, chaidh casg fad beatha bho bhall-coise ann an Alba air Craig Whyte dham buin Rangers. Tha Barcelona agus Chelsea a' cluich anns an Nou Camp a-nochd le Chelsea 1-0 air thoiseach bhon chiad ghèam san iar-chuairt dheireannaich san Champions League. Agus aig Farpais Snooker na Cruinne feasgar an-diugh, tha Ronnie O'Sullivan agus Peter Ebdon a' tòiseachadh a-rithist, agus O'Sullivan 7-2 air thoiseach. Air a' bhòrd eile, tha an t-Albannach Graeme Dott a' cluiche Joe Perry.