Sgeama Taigheadais ga dheasbad

  • 24 An Giblean 2012
An Canàl Cailleannach (le cead bho Undiscovered Scotland) Image copyright Other
Image caption Tha dragh air cuid gum milleadh na taighean ùr coltas an àite

Tha Comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh air plana connspaideach fon deadh 26 taigh Comhairle ùr a thogail faisg air a' Chànal Chailleannach ann an Inbhir Nis.

Thathas a' moladh sia taighean airson seann daoine, ochd taighean eile agus 12 flat a thogail.

'S ann air cùlaibh Craobh-slighe St Valery a bhiodh na taighean ùr.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e leasachadh aig àrd ìre a bhiodh ann, agus gum biodh na taighean ùr gu math goireasach a thaobh còmhdhail.

Draghan

Tha Comhairle Choimhearsnachd na sgìre a' gearain ge-tà gun dèanadh na taighean ùr cron air coltas an àite, gun cailleadh muinntir an àite talamh phoblach agus gum faodadh trioblaid a bhith ann le trafaic.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach gum faodadh tuiltean a bhith nan trioblaid.

Tha oifigearan dealbhachaidh na Comhairle a' moladh cead a thoirt dhan sgeama.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile