Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Morairean

Tha na h-uimhir de chùl-bheingeirean Tòraidh ag ràdh gun seas iad an aghaidh phlanaichean an Riaghaltais airson cruth Thaigh nam Morairean atharrachadh. Tha molaidhean ann gum biodh a' mhòr-chuid de bhuill Thaigh na Morairean air an taghadh agus tha na Liberalaich Dheamocrataich san Riaghlatas a' feuchainn ri cabhag a chur ris na planaichean sin. Ach mhaoigh Tòraidhean, aig coinneimh an-raoir, gu bhòt iad an aghaidh an Riaghaltais.

Heathrow

Chaidh triùir dhaoine à Birmingham a chur an grèim aig Port Adhair Heathrow fo Achd na Ceannairc. Bha an triùir air tighinn far pleana a thàinig à Oman. Thuirt na poilis nach eil dragh sam bith ann mu chunnart dhan t-sluagh.

PFI

Dh'iarr Comunn nan Euslainteach ath-sgrùdadh air a h-uile cùmhnant airgid prìobhaideach, PFI, aig ospadail na h-Alba, an-dèidh sreath thrioblaidean aig Ospadal Rioghail Dhùn Èideann. Tha NHS Lodainn a' gabhail comhairle laghail an-dèidh do luchd-obrach, ag obair do bhuidheann PFI an ospadail, seirbheis an dealain a ghearradh. Thàinig air lannsairean, a bha letheach sligh tro operation, crioch a chur air an obair sin le toirdse.

Tubaist

Tha rathad an A82 dùinte faisg air Inbhir Moireasdan an-dèidh tubaist eadar dà chàr mu 08:30 sa mhadainn an-diugh. Chaidh aon chàr far an rathaid le daoine glacte na bhroinn agus tha e coltach gu bheil iad an droch ghoirteachadh. Cha deach an dithis anns a' chàr eile an droch leòin. Tha an rathad dùinte agus chaidh heileacoptair eiridinn iarraidh.

Deugaire

Tha rannsachadh a' dol air adhart air Taobh Sear Rois airson nighean sgoile nach fhacas bho mhadainn Dhiciadain. Bha Moyra As-Chainey, a tha 16, a' feitheamh bus-sgoile ann an Eadardan. Tha polais ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith as aithne dad mu a dèidhinn.

SNP

Tha an SNP a' foillseachadh am manifesto an-diugh airson nan taghaidhean comhairle. Tha iad a' cur air adhart barrachd thagraiche na pàrtaidh sam bith eile ann an Alba. Tha àireamh nas motha chomairliche aca cuideachd air feadh Alba na tha aig pàrtaidh eile, ach tha iad dòchasach air adhartas a dhèanamh air an 3mh den Cheitein.

Bahrain

Tha na cuairtean ullachaidh a' dol air adhart airson Grand Prix Bahrain an-drasta, a dh'aindeoin an-shocair anns an sgìre sin. Tha na h-ughdarrasan a' cur tearainteachd mhòr an-sàs agus sluagh a tha ag iarraidh tuilleadh deomocrasaidh anns an stàit ag ràdh gum feuch iad ri maill a chur air an rèis.