Gearain mu nurs MS sna h-Eileanan Siar

  • 20 An Giblean 2012
MS Image copyright SPL
Image caption Tha còrr is 80 duine a tha a' fulang le MS anns na h-Eileanan Siar

Tha nurs shònraichte airson Multiple Sclerosis a' dol a thòiseachadh anns na h-Eileanan Siar an ath-mhìos.

Ach tha cuid de na tha a' fulang le MS a' gabhail dragh nach e nurs aig àrd-ìre a chaidh fhastadh, 's nach bi i air a trèanadh gu tur airson MS.

Bidh aig an nurs ri cùram a thoirt do chòrr is 80 duine a tha a' fulang le MS air feadh nan Eilean Siar.

"Bho chionn dà bhliadhna thòisich sinn air an iomairt a tha seo airson nurs MS fhaighinn dha na h-Eileanan Siar," thuirt Cairistìona Stiùbhart, air a bheil MS.

Com-pàirteachas

"Chuir am Bòrd Slàinte againn air adhart "staff nurse" ach gu mì-fhortannach feumaidh an nurs a tha seo dà bhliadhna de thrèanadh a dhèanamh mus urrainn dhuinne cantainn gu bheil nurs MS againn.

"Thuirt iad gun robh nurs MS againn, ach gu mì-fhortannach chan eil.

"'S e tàmailt a th' ann dha gu leòr de na tha mise air a bhith a' bruidhinn ris ann an dòigh, agus tha sinn air ais far an do thòisich sinn.

"Bu chòir dhan Bhòrd Shlàinte a bhith air an t-airgead a chur suas gu ceithir no còig mhìltean eile a chur ris a' phàigheadh aig an nurs, agus bhiodh nurs speisealta air a thighinn tarsainn ann an seo, agus dh'fhaodadh i a bhith air tòiseachadh 's dòcha ann an trì mìosan bho bha an agallamh air a bhith aice," thuirt i.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh nach eil sin fìor.

Thuirt iad gun robh am Bòrd agus Comann an MS air obrachadh ann an com-pàirteachas airson nurs shònraichte fhastadh, agus gun robh euslaintich eile a tha a' fulang le Multiple Sclerosis sna h-Eileanan air fàilte a chur air an naidheachd gun robh am Bòrd air an dreuchd seo a chruthachadh agus a lìonadh.

Thuirt iad gun robh an tè a fhuair an obair air a bhith na nurs còrr air 20 bliadhna, cuid dheth a' dèiligeadh ri daoine le MS, gun tòisicheadh i na nurs MS an ath-mhìos agus gur ann na nurs shònraichte MS a bhios i bhon chiad là.

Bidh i ge-tà, a' faighinn trèanaidh mar a thèid i air adhart, mar a bhios daoine anns a h-uile dreuchd, thuirt iad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile