Naidheachdan 11:00m

Cuideachadh
Qatada

Thuirt Cùirt Eòrpach Chòirichean a Chinne Daonna gun toir iad sùil a dh'aithghearr air tagradh bho luchd-lagh a' chlèirich radigaich, Abu Qatada. Tha iad a' tagradh an aghaidh riaghladh na cùirte a thuirt gum faodadh Breatainn esan a chur gu ruige Iordan e far a bheil e fo chasaid mu cheannairc. Tha Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, ag ràdh nach urrainn dhan Chùirt Eòrpach ann an Strasbourg èisdeachd sam bith a thoirt dhan tagradh sin leis gu robh e là fadalach. Cuiridh na Làbaraich ceistean mun chuis air Rùnaire na Dùthcha ann an Taigh nan Cumantan an ceartuair.

Doosan

Tha companaidh à Corea a Deas, Doosan, air tarraing a-mach à pròiseact a bhiodh air ceudan chosnaidhean a stèidheachadh ann an gniomhachas cumachd ath-nuadhachail na h-Alba aig muir agus air tìr. Bha Doosan am beachd ionad rannsachaidh agus factoraidh a thogail ann an Siorrachd Rinn Friù, ach tha iad ag ràdh gu bheil cion-earbsa anns a' ghniomachas aig muir a' cur stad orra.

Luchd-naidheachd

Chuir polais triùir an-grèim agus iad a' rannsachadh chasaidean gun d'tug luchd-naidheachd pàigheadh mì-laghail do dh'oifigich poblach. Tha fear a bha aig aon àm na oifigeach sna feachdan armaichte agus neach-naidheachd bhon phàipear, an Sun, am-measg na chaidh a chur an grèim ann an Kent agus Lancashire.

Irac

Chaidh còrr 's fichead duine a mharbhadh ann an spreadhaidhean ann an sgìrean Shiite air feadh Irac. Chaidh còrr 's 60 duine a ghoirteachadh anns na h-ionnsaighean anns a' phrìomh bhaile, Baghdad, agus ann am bailtean Kirkuk agus Samarra ann an ceann a tuath na dùthcha.

C.diff

Thuirt ceannardan Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis gu bheil iad gu math cinnteach gum bi iad a' fosgladh uàrd an sin a-rithist ro dheireadh na seachdain. Chaidh Uàrd 2C a dhùnadh nuair a thàinig an galar C-difficile am follais. Tha triùir euslainteach gan cumail air leth bho dhaoine eile agus tha an uàrd dùinte do dh'euslaintich as ùr.

Rathad an t-Sròim

Fosglaidh seach-rathad an t-Sròim air Taobh Siar Rois, an A890 eadar Loch Carran agus Caol Loch Aillse, gu lèir a-rithist Diluain, ceithir mìosan an-dèidh dha dùnadh nuair a thuit creag a-nuas os a chionn. Bhon uairsin tha seirbheisean aiseig agus agus pìos den loidhne rèidhle air a bhith a' leigeil chàraichean 's luchd siubhail air ais 's air adhart bho gach taobh de Loch Carran.

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.