Dòchas gum fosgail uàrd a-rithist

  • 19 An Giblean 2012
Clostridium difficile Image copyright Other
Image caption Dh'fhaodadh C.diff a bhith marbhtach do sheann daoine agus daoine a tha tinn mar-thà.

Tha Ospadal an Rathaig Mhòir dòchasach gun tèid uàrd aillse fhosgladh as ùr ro dheireadh na seachdain, an-dèidh dùnadh air sgàth Clostridium difficile.

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd nas traithe air an t-seachdain gun robh iad a' dùnadh uàrd 2C agus trì chuisean de C.diff air nochdadh ann.

Tha an trìuir a tha a' fulang leis a' ghalair fhathast gan cumail air leth bho euslaintich eile.

Tha an ospadal ag ràdh nach eil cunnart mòr sam bith eile do dh'euslaintich eile, luchd-obrach, no daoine a tha a' tadhal air an àite.

Dh'innis an Dotair Rod Harvey gu bheil e a' toirt ùine glanadh mionaideach a dhèanamh air uàrd, gu h-àraidh ma tha euslaintich ann.

Thuirt e ge-tà gu bheil e an dùil gum fosgail uàrd 2C ro dheireadh na seachdain seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile