Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gilroy

Chaidh binn beatha sa phrìosan air an duine a mhurt Suzanne Pilley à Dùn Èideann. Cuiridh Daibhidh Gilroy 18 bliadhna seachad sa phrìosan air a' char as giorra. Chaidh a dhìteadh airson Ms Pilley a mhurt ann an 2010 ged nach d'fhuaireas riamh a corp. Bha criubha camara san Àir Chùirt ann an Dùn Èideann an-diugh a' clàradh na cùise.

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh Albannach a bha gun obair sna trì miosan eadar an Dùbhlachd agus an Gearran. Bha 12,000 nas lugha a' sireadh obrach san ùine sin, sios gu 219,000. Tha sin a' toirt ìre cion-cosnaidh na h-Alba gu lèir gu 8.1 % agus tha sin nas lugha na an ìre nàiseanta. Thuit an àireamh air feadh Bhreatainn mu 35,000 gu 2,650,000.

Holyrood

Thèid gluasad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh gu cumhachdan ùra do Holyrood bho Westminster le tuilleadh smachd air cìsean nam measg sin. Cha dèan an Riaghaltas ann an Lunnainn dad gun aonta Holyrood 's ged a tha a h-uile coltas ann gun aontaich Pàrlamaid na h-Alba ris na th'anns a' bhile, tha Riaghaltas na h-Alba fhathast den bheachd nach eil na molaidhean a' dol fada gu leòr.

Tesco

Cuiridh a' chompanaidh bhùithean as motha ann am Breatainn, Tesco, £1b ri leasachadh air na buithean aca agus am prothaid ann an dùthaich seo a' tuiteam an uiridh, ged a rinn iad nas fheàrr ann an dùthchannan eile. Thuirt Àrd-Oifigear Tesco, Philip Clarke, gum bi iad a' sgeadachadh na bùithean aca agus a' fasdadh mu 8,000 luchd obrach as ùr.

C.Diff

Thuirt luchd-stiùridh Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis gur e briseadh dùil a th'ann dhaibh gum b'fheudar dhaibh uàrd a dhùnadh leis gu bheil an galair C-Difficile air triùir euslainteach. Tha seo an-dèidh na h-uimhir de chùisean eile den ghalair sin aig toiseach na bliadhna. Thuirt luchd-stiùridh gu bheil iad gu math cinnteach nach eil cunnart mòr sam bith ann do dh'euslaintich eile, luchd-obrach neo feadhainn a tha a' tadhal air an ospadal.

APD

Thèid iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn an-diugh cur às do dh'ardachadh air cìs APD nan seirbheisean adhair. Tha an SNP a' cur dà mholadh air adhart ann an Taigh nan Cumantan 's iad ag iarraidh a' chìs a lughdachadh agus smachd air APD a thoirt do Holyrood. Thuirt ball nan Eilean Siar, Aonghas Briannan MacNìll - fear-labhairt còmdhail an SNP aig Westminster - gu bheil a' chìs sin a' milleadh eaconomaidh na Rioghachd Aonaichte gu lèir agus gu bheil a' bhuaidh sin nas miosa buileach ann an Alba.

Saighdearan

Tha saighdearan an Fhreiceadain Duibh a' caismeachd tro Inbhir Nis an-diugh agus iad a' comharrachadh gu bheil am batalian air tilleadh àn-deidh turus sia mìosan ann an Afghanistan. Seo a' chiad chaismeachd ann an sreath a bhios ann an-dèidh do chòrr's ceithear cheud gu leth saighdear tilleadh gu Gearasdan Dheorsa faisg air Inbhir Nis.