Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nirribhidh

Thuirt Anders Brevik, an duine a tha fo chasaid gun do mharbh e 77 duine ann an Nirribhidh san Iuchair an-uiridh, gun do rinn esan an ionnsaigh as motha air an Roinn Eòrpa bhon a bha an darna cogadh ann. Air an darna leth den chùirt-lagh ann an Oslo chaidh e as àicheadh gu bheil e às a chiall agus gur e murtair cloinne a bh'ann. Agus beagan na bu traithe chaidh fear de na britheamhan a chur far a' phanal an-dèidh dha tighinn am follais gun do sgrìobh esan air làrach-lìn soisealta gum bu chòir Breivik a chur gu bàs.

Ceartas

Chaidh sreath mholaidhean fhoillseachadh an-diugh mun dòigh sa bheil siostam ceartas na h-Alba a' dèiligeadh ri boireannaich. Tha Elish Angiolini, a bha na h-Àrd Neach Tagraidh, air a bhith os cionn coimisean a rinn rannsachadh an-dèidh dragh mun àireamh mhòr de bhoireannaich a th'anns a' phrìosan. Thuirt an coimisean gum bu chòir prìosan bhoireannach Cornton Vale ann an Sruighlea, an aon phrìosan bhoireannach ann an Alba, a leagail agus ionad ùr a chur na àite. Chaidh an aithisg a thoirt do Mhinistear a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill.

Atmhorachd

Bha àrdachadh, ris nach robh dùil, ann am prìomh reit na h-atmhorachd agus tha e coltach gur e àrdachadh ann am prìsean bidh a bu mhotha a bu choireach. Thuirt Oifis an Staitistig Nàiseanta gun deach prìs aodach, brogan agus stuthan eile suas cuideachd. Chaidh an Clàr Ceannaich, an CPI, suas gu 3.5% sa Mhàirt bho 3.4% sa Ghearran. Thuit an Clàr Reic, an RPI, ge-tà bho 3.7% gu 3.6%.

Qatada

Tha dùil gun innis Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, feasgar an-diugh nach dèan an Riaghaltas ath-thagradh an aghaidh riaghladh cùirt Eòrpaich nach fhaod Breatainn an clèireach radaigeach, Abu Qatada, a thilleadh a Iordan le dragh ann gun dèan na h-ùghdarrasan an sin droch dhìol air. Tha dùil, an àite sin, gun tòisich an riaghaltas air oidhirp ùr anns na cùirtean air Qatada a chur a-mach às an dùthaich seo.

Mitsui

Cheannaich companaidh à Iapan, Mitsui, an ceathramh cuid den chompanaidh Global Energy, leis abheil gàrradh Bhàgh an Eige air Taobh Sear Rois. Thuirt Global Energy gun cuidich an t-airgead iad gu ruige làrach Bhàgh an Eige a leasachadh airson obair na h-ola agus cumhachd ath-nuadhachail, le dùil ri tuilleadh obraichean cuideachd.

Poileas

Tha Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaiIl, a' bruidhinn ri co-labhairt bhliadhnail Caidreachas Poileas na h-Alba anns an Aghaidh Mhòr an-diugh agus iad a' deasbad atharrachadh air structur seirbhis nam poileas ann an Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba a' gluasad gu ruige ochd feachdan poileas na h-Alba a chur còmhla mar aon bhuidheann, fon ainm Seirbhis Poileas na h-Alba. Ach tha dragh air mòran ge-tà mun bhuaidh a bheireadh sin air an t-seirbheis, gu h-àraidh anns an sgìrean dùthchail.