Eaglais ùr an Rubha
Chaidh tòiseachadh a' togail airgid airson na h-eaglaise bho chionn còrr is deich bliadhna
Theid eaglais ùr na h-Eaglaise Saoire Leantainniche ann an sgìre an Rubha ann an Leòdhas fhosgladh gu h-oifigeal oidhche Mhàirt.
Chosg eaglais ùr a' Chnuic còrr is £200,000 agus thòisich iomairt gus airgead a thogail air a son ann an 2001 - mu bhliadhna as deidh an sgaraidh anns an Eaglais Shaoir.
Thuirt Calum MacLeòid a tha na eildear anns an eaglais gu bheil iad gu math toilichte an ìre seo a ruighinn.
"Tha sinn air a bhith a' feitheamh bhliadhnaichean airson a bhith anns an àite againn fhìn" thuirt e.
GoireasachTha an coithional mar-thà air seirbheisean a chumail anns an togalach ùr aca, agus tha Mgr MacLeòid ag ràdh gu bheil e gu math goireasach.
"Anns a' chiad àite 's e togalach ùr a th' ann - tha e furasta a theasachadh agus a chumail blàth. Tha sin a' dol a ghearradh sìos air na chleachdas sinn de dhealan, agus tha fuaim mhath ann" thuirt e.
'S ann à seann eaglais ann an Glaschu, a dhùnadh bho chionn iomadach bliadhna, a thàinig suidheachain na h-eaglaise.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~59~RS~)

Iarrtas an àrainneachd a chur air thoiseach air an eaconamaidh
A' cuimhneachadh air Calum Cille
Eileanach a' trèanadh ann an Serbia