Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brevik

Tha duine a mharbh 77 duine ann a Niribhidh san Iuchair an-uiridh, mu choinneimh na cùirte ann an Oslo. Rinn Anders Breivik ionnsaigh boma ann an Oslo agus an-dèidh sin ionnsaigh le gunna ann an Eilean Utoya. Dh'aidich e mar-thà gur e a rinn am marbhadh ach dh'innis e dhan chùirt nach eil e ciontach de dh'eucoir agus gur ann, na bheachd fhèin, a' cur dìon air fhèin a bha e.

Siria

Tha a' chiad bhuidheann de luchd-fàire bhon UN ann an Siria agus iad a' cumail sùil air an fhois-fhoirneart a thòisich an sin an t-seachdain seo chaidh. Tha aithrisean ann an-diugh ge-tà air sabaid ann am baile Homs. Thuirt an UN gun deach sianar ann an-drasta le 24 eile den sgioba aca a' dol ann ro dheireadh na seachdain seo.

Kabul

Thuirt na h-ughdarrasan ann an Kabul gun deach a h-uile duine de na reubaltaich a thug ionnsaighean air targaidean dioplòmasach an-dè a mharbhadh. Thug buidhnean Taliban ionnsaigh air làraich ann an Kabul agus ann an trì bailtean eile ann an Afghanistan agus iad ag amas air toglaichean leis an riaghaltas agus ambasaidean dhùthchannan eile.

Teintean

Tha luchd-smalaidh a' stri ri teine mòr air mointeach ann an sgìre Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh. Thòisich an teine ann am Mochrum an-raoir agus tha e a-nise air sgaoileadh ann an trì àitchean.

Agus bha luchd-smàlaidh a' strì ri teine air a' mhonadh ann an Àird nam Murchan air an deireadh sheachdain far am b'fheudar do dhaoine an dachannan fhàgail. Thòisich an teine mu 2f Disathairne, faisg air an taigh-sholais 's thug e ceithir uairean fichead mus deach a chur às.

A' Chomhraich

Coinnichidh riochdairean bho choimhearsnachd na Comhraich ri Scottish and Southern Energy a-màireach agus iad a' feuchainn ri tighinn gu aonta airson sgeama hydro a stèidheachadh sa sgìre. Dh' ìnnis SSE dhaibh mar-thà gun còsgadh e suas ri £700,000 ceangal ris a' ghrid nàiseanta, ach tha a' chòmpanaidh choimhearsnachd ag ràdh gu bheil sin fada ro dhàor dhaibh.

Greenspace

Tha a' bhuidheann rannsachaidh Greenspace , a tha stèidhte aig Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas, a' cur companaidh ùr air bhonn agus thèid tuilleadh luchd-obrach fhastadh mu choinneimh sin. Tha iad gu bhith a' reic stuthan airson na h-eadar-lìn a chuidicheas a' dealbh thoglaichean ann an dòigh a tha math dhan àrainneachd.