£190m don Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan

  • 12 An Giblean 2012
Airgead
Image caption Thig a' chuairt mhaoineachaidh gu crìch ann an 2015

Dh'fhoillsich Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) planaichean airson cha-mhòr £190m a chur an sàs anns an sgìre thar an ath thrì bliadhna gu ruige a' Mhàirt 2015.

Cuiridh a' bhuidheann an t-airgead mu choinneimh fàs anns na prìomh roinnean den eaconamaidh, agus dèiligeadh ri duilgheadasan ann an sgìrean "cugallach."

Am measg na tha san amharc tha sgaoileadh a' bhann-leathainn fhìor-luath air feadh na sgìre.

Tha a' bhuidheann ag amas gum bi an sgìre a' cruthachadh no a' glèidheadh eadar 700 agus 900 cosnadh sa bhliadhna ri linn a' mhaoineachaidh.

Bhiodh 100 - 150 diubh sin ann an sgìrean "cugallach."

Cuiridh a' bhuidheann cuid den airgead cuideachd an sàs ann am pròiseactan mòra bun-structair - leasachadh chala Loch Baghasdail agus baile Thaigh Iain Ghròt nam measg.

'S ann bhon Riaghaltas Albannach a thig a' chuid as motha den airgead - £145.2m - agus an còrr a' tighinn bhon Aonadh Eòrpach agus teachd-a-steach na buidhne bho mhàl agus reic maoin.