Dòchas mu ghàradh Àird nan Saor

  • 12 An Giblean 2012
Crainn-ghaoithe Image copyright PA
Image caption Bha uair a bha an gàradh a' cumail cosnaidh ris na mìltean dhaoine

Is coltach gu bheil ùidh aig còig companaidhean mòra ann a bhith a' leasachadh seann ghàradh ola Àird nan Saor mar phrìomh làrach airson gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Tha an t-àite ri reic, às dèidh do phlanaichean airson sgeama taigheadais tuiteam às a' chèile ri linn staing na h-eaconamaidh.

Tha 109 hectare anns an làraich, a tha eadar Inbhir Narrann agus Inbhir Nis.

Chan fhada o chaidh gàradh Bhàgh an Eige, air taobh thall Linne Mhoireibh, fhosgladh as ùr às dèidh naoi bliadhna a bhith dùinte, airson uidheamachd a thogail agus a chàradh do ghnìomhachas a' chumhachd - gas, ola agus ath-nuadhachail.

Bha uair a bha gàradh Àird nan Saor a' cumail cosnaidh ris na miltean, agus uidheamachd ga togail ann do ghnìomhachas na h-ola.

'S ann le co-bhanntachd ionadal - Companaidh Seilbh Rubha na h-Innse Mòire - a tha an t-àite an-dràsta.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil riochdairean bho Mitsubishi Power Systems, EDPR, Subsea 7 agus Siemens air sùil a thoirt air a' ghoireas faic an gabh a leasachadh mar ghàradh-togail do ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Tha sgrùdadh a-nis ga dhèanamh feuch dè an obair a dh'fheumte a dhèanamh airson an gàradh a thoirt air ais gu staid far an gabhadh obrachadh a-rithist.