Rathad an t-Sròim gus fosgladh

  • 12 An Giblean 2012
An loidhne rèile ga ullachadh Image copyright Other
Image caption Chaidh bratan rubair a chur air an loidhne rèile gus an gabhadh dràibheadh air

Tha dùil gum fosgail seach-rathad an t-Stròim air taobh siar Rois cola-deug Diluain - 23mh an Giblean.

An-dràsta, tha an trafaig ga stiùireadh air an loidhne rèile airson pàirt den t-slighe, ach chan urrainn carbadan anns a bheil barrachd air 7.5 tunna de chuideam an rathad a chleachdadh.

Chiadh seach-rathad an t-Sròim a dhùnadh goirid ron Nollaig an dèidh mar a thàinig maoim-slèibhe a-nuas.

Bho thoiseach na bliadhna seo, tha bàt'-aiseig Ghlinn Eilge an Sula Mhòr, agus an trèana air a bhith a' frithealadh na sgìre, ach sguir sin o chionn ghoirid.

Bho Dhisathairne, bidh an rathad gu ìre fosgailte a-rithist, ach tro sholas an là a-mhàin.

Fiù 's nuair a bhios an rathad air fad fosgailte ge-tà, tha a' chomahirle ag ràdh gum bi dàil ann, agus solais trafaig air an t-slighe gus an tèid an t-àite a sgioblachadh.