Taic sochairean sna h-Eileanan Siar

  • 12 An Giblean 2012
Frids falamh
Image caption Tha 1/5 de shluagh nan Eilean Siar gu h-oifigeil ann am bochdainn

Tòisichidh iomairt ùr anns na h-Eileanan Siar gus daoine a chuideachadh na sochairean sòisealta air a bheil iad airidh fhaighinn.

Tha an siostam taic ag atharrachadh, agus tha dùil gum bi e nas duilghe do dhaoine an cuideachadh a tha a dhìth orra fhaighinn.

Thàinig buidhnean anns na h-Eileanan còmhla bho chionn ghoirid fon ainm Buidheann Ghnìomha Bochdainn nan Eilean Siar, agus iad iomgainneach mun t-suidheachadh.

Tha na h-Eileanan Siar air aithneachadh mar thè de na sgìrean as bochda ann an Alba, agus 20% den t-sluagh air an comharrachadh gu h-oifigeil ann am bochdainn.

Seann Daoine

Tha dà thrian de thaighean sna h-Eileanan gu h-oifigeil fo bhochdainn connaidh.

Tha beachd aig na h-ùghdarrasan nach eil daoine anns na h-Eileanan a' gabhail brath air na sochairean a dh'fhaodadh iad fhaighinn.

Tha beachd ann gu bheil an dòigh sa bheil Riaghaltas Bhreatainn gus crathadh a thoirt air siostam nan sochairean sòisealta gus cùisean a dhèanamh nas duilghe do dhaoine grèim fhaighinn air sochairean air a bheil iad airidh.

Tha a' bhuidheann air a dèanamh eadar buidhnean leithid Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, Buidheann Taigheadais nan Eilean Siar, agus Oifis Chomhairleachaidh a' Phobaill.

Dh'aontaich a' bhuidheann gun sgaoilear billeag phàipeir eadar gach buidheann a tha an sàs anns an iomairt, le ceistean oirre, agus gun cuirear sin air beulaibh dhaoine a thathas a' meas freagarrach.

Thathas a' sùileachadh gum faighear a-mach air na dòigh sin dè an taic air a bheil daoine airidh, dè na tha iad a' faighinn an-dràsta, agus am bu chòir dhaibh tuilleadh fhaighinn.

Bithear ag amas air seann daoine sa chiad dol-a-mach.