Bhuannaich an t-Eilean Sgitheanach Iomain Cholm Chille

Cluicheadairean Albannach is Èireannach

Tha Iomain Cholm Chille - am farpais iomain eadar-nàiseanta a bha ga chumail aig Pàirce nan Laoch ann am Port Rìgh Disathairne ag amas air Gàidhlig agus Gaelige a bhrosnachadh, tro mheadhan spòrs le peanas air duine a bhruidhneas Beurla air a' phàirce.

A-reir 's na chuallar aig Pàirce nan Laoch, tha e doirbh do chluicheadairean cumail ris a sin fad an t-siubhail, ach airson a' mhòr chuid dhen ùine cha chluinneadh tu bho na cluicheadairean ach an cànan fhèin.

Tha am feallsanachd air a bhi ann bho thùs. Bha am farpais fhèin eadar-dhealaichte am bliadhna.

Nuair a thoisich e cha robh ann ach dà sgioba - Foirean Mícheal Breathnach, sgioba club a Conamara an Èirinn a tha uile a' bruidhinn na Gaelige, agus sgioba thaghte à Alba, le cluicheadairean às a h-uile cearnaidh gan toirt còmhla airson na comasan cànain aca - cho math ri an cuid comas le caman.

Am bliadhna ge ta, an àite dìreach aon sgioba Albannach, bha sgioba fa leth ann às an Eilean Sgitheanach agus chaidh sgioba a tharraing ri chèile cuideachd a Èirinn a' Tuath, Fir Ulaidh.

An Iomain

Se iomain fhèin a chunnacas an-toiseach le sgioba an Eilein agus sgioba thaghte na h-Alba. Bha na Sgitheanaich 2-0 air thoiseach aig letheach slighe. 'S ged a bha an dàrna leth nas fhaisge, 's Alba a' faighinn tadhal air ais, 's iad an t-Eilean Sgitheanach a chaidh troimhe, 5-1.

An uairsin, chaidh an dà sgioba Èireanach, Mícheal Breathnach 's Fir Ulaidh an aghaidh a chèile ann an làn gheàm iomanaidheachd - Hurling. Tha beachd ann nach robh sin air tachairt a-riamh roimhe air a' Ghàidhealtachd - neo (taobh a-muigh farpaisean oilthigh) am bad sam bith eile an Alba.

Bha tubaist ann faisg air toiseach a' gheàm, nuair a thuit te dhe na puist àrda air a' phàirce. Cha deach duine a leòn, 's aon uair 's gu do thòisich an geàm a-rithist, bha sgioba Chonamara ro làidir do bhalaich Ulaidh, 's iad a' buannachadh 11-4.

Mun àm a thòisich an ath gheàm, eadar Alba 's Fir Ulaidh airson an treasamh àite, bha an aimsir a' tiormachadh, bha an iomain a' teasachadh 's bha na riaghailtean air am measgachadh.

Bha an geàm luath, agus bha e teann. Fhuair Alba tadhail agus puingean, 's aig a' cheann thall, 's iad a shoirbhich. Thàinig iad a-mach 16-14, ged a bha e nearbhasach dhaibh aig an deireadh, 's balaich Ulaidh a' tighinn air ais gu làidir.

A' Chuairt Dheireanach

Beagan as deidh ceithir uairean 's na neòil a' feuchainn ri teicheadh, thìll an t-Eilean Sgitheanach agus Mícheal Breathnach airson a' chuairt dheireanaich. Bha iad a' srì airson Cùirn Cholm Chille, 's cha robh càil a dhith misneachd air gillean Chonamara.

A' bruidhinn air Spors na Seachdainn sa mhadainn, 's am program beo bhon phairce, thuirt an cluicheadair Oisin O'Ceallaigh gum buanaicheadh iad an geam, gu robh iad cinnteach as a sin. Bha Coilin O'Duthaig, fear naidheachd a bha an-sàs ann an taghadh sgioba Ulaidh, a cheart cho misneachail. Bha Mícheal Breathnach air trì dhe na ceithir farpaisean ron a sin a ghlèidheadh. Ach, 's ann nuair a chumadh aig Pàirce nan Laoch am farpais ann an 2010 an aon turas nach do ghlèidh iad. 'S dòcha mar sin, gu robh eachdraidh air taobh nan Sgitheanach.

Bha tadhail gu leòr ann. Fhuair an t-Eilean Sgitheanach ceithir - trì dhiubh bho chaman an sgiobair, Iain "Crossal" MacNeacail. Cha d'fhuair Mícheal Breathnach ach dà thadhal, ach bha ochd puingean aca. Cha d'fhuair an t-Eilean ach còig puingean. Ach, nuair a chuireadh a h-uile càil a tha sin còmhla, bhuannaich an t-Eilean Sgitheanach 17-14

De a-nis, ma tha, do dh'Iomain Cholm Chille? As dèidh còig bliadhna, thàinig leudachadh...de thachras a-nis? Chan eil cus teagamh aig Eòghain Stiùbhart, a bha na mhanadsair do dh'Alba, 's a chur am farpais air adhart sa chiad aite. Thuirt e gu bheil cothroman leudachaidh ann fhathast.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.