App ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

  • 6 An Giblean 2012
Fòn-làimh adhartach Image copyright PA
Image caption Fhuair an app £10,000 ann an taic-airgid

Gheibh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig cothrom air app ùr airson an cuideachadh leis a' chànan.

Tha an app an-asgaidh, agus gheibhear e air iTunes airson fònaichean-làimhe adhartach agus iPads.

Gheibhear gnìomhairean cudromach leis an app, còmhla ri stiùireadh air fuaimneachadh le guth Gàidheil dhùthchasaich.

Tha an Scottish Gaelic LearnBot app ag obair an cois leabhraichean Verbots.

Tha an luchd-leasachaidh iEdutainments ag ràdh gun ionnaichear rudan seachd tursan nas luaithe leis na le dòighean traidiseanta.

Faodar coimeas a dhèanamh eadar gnìomhairean Gàidhlig agus 26 cànan eile tron app.

Chaidh an app fhoillseachadh le Comhairle nan Leabhraichean, le £10,000 de mhaoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile