Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Giblean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thuirt Rùnaire na h-Alba gu bheil co-chomhairleachadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mun referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba a' dearbhadh gu bheil daoine air an aon bheachd gu bheil diofar eadar neo-eisimeileachd agus fèin-riaghladh. Thuirt Mìcheal Moore gun do chuir na fhreagair an conaltradh taic ri Riaghaltas Bhreatainn sa bheachd gur e aon cheist shìmplidh a bu chòir a bhith sa phàipear baileat. Thuirt 3/4 den 3,000 a fhreagair gur e aon cheist a b'fheàrr. Thig fios air an ath-mhìos air a' chonaltradh a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh air a' chùis an-dràsta.

Tuath-gaoithe

Chuir Riaghaltas na h-Alba an taic ri plana airson an treas tuath-ghaoithe as motha a bhiodh ann an Alba. Bhiodh Tuath Viking ann an Sealtainn comasach air 16 tursan de chumhachd a chruthachadh na bhiodh a dhìth air na h-eileanan fhèin. Ach tha connspaid ann mun sgeama. Tha an RSPB ag ràdh gu bheil e fada ro mhòr, agus dragh orra mun bhuaidh air an àrainneachd.

Clàr-ola

Tha a' chompanaidh ola Total ag ullachadh airson sgioba a chur gu Clàr-eilginn a tha sa Chuan a Tuath far a bheil gas air a bhith ag aodion a-niste bho chionn deich là. Tha a' chompanaidh ag ràdh gum bi e sàbhailte do heileacoptair laighe air a' chlàr. Bidh sgioba eòlaichean às Aimeireaga a' tomhas an gabh poll cleachdadh airson stad a chur air a' ghas.

Connadh

Bidh còmhradh aig a' bhuidhinn rèite ACAS an-diugh ris an aonadh Unite - a tha a' riochdachadh dhràibhearan nan tancairean connaidh - agus na companaidhean a tha gam fastadh. Tha an t-aonadh fhasthast a' beachdachadh air stailc agus tha dragh ann gum bi connadh gann.

Mitt Romney

Tha e a' sìor fhàs nas coltaiche gur e Mitt Romney a sheasas dha na Poblachdaich an aghaidh Barack Obama ann an Taghadh a' Chinn-suidhe sna Stàitean Aonaichte san t-Samhainn. Thog Romney taic trì stàitean - Maryland, Wisconsin agus Washington DC - an-raoir. Thuirt am fear as fhaisge air anns an taghadh, Rik Santorum, gun lean e air, agus nach eil an rèis an-dràsta ach letheach-slighe.

Colbhasa

Tha dragh ann an Colbhasa gum bi an t-eilean às aonais seirbheis fòn-làimhe airson ùine fhathast. Chaill iad an t-seirbheis bho chionn cola-deug, 's tha Vodafone ag ràdh nach urrainn dhaibh gealltainn cuin a thilleas e. Tha dragh ann mun àireimh mhòir de luchd-turais anns an eilean an t-seachdain seo aig nach bi seirbheis fòn-làimhe, agus cuideachd gur ann aig Vodafone a tha an dotair agus ceannard a' bhàta-theasairginn.