Plana dìon tuiltean do dh'Inbhir Nis

  • 3 An Giblean 2012
Abhainn Nis
Image caption 'S ann tuath air Drochaid Nis ann am meadhan a' bhaile

Foillsichear planaichean luach £21m Dimàirt airson baile Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean.

Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba a' mhòr-chuid de na cosgaisean, agus iad a' cur £16m ris an obair.

Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd £5m a bharrachd ris an t-suim.

Cuirear gnothaichean an sàs an cois Abhainn Nis eadar beul na h-aibhne agus meadhan a' bhaile.

Dà Earrainn

Thugadh cead-dealbhachaidh don phlana ann an 2009.

Tha Abhainn Nis air cur thairis iomadh turas, gu sònraichte ann an 1989, nuair a leag an abhainn seann drochaid-rèile a' bhaile.

Tha faisg air 1,000 togalach ann am meadhan a' bhaile ann an cunnart bho thuiltean.

Fo na planaichean thèid bruthaichean na h-aibhne àrdachadh agus ballaichean a thogail ann an àiteachan eile.

Thèid an obair a dhèanamh na dà phàirt, agus i a' tòiseachadh ro dheireadh na bliadhna.

'S e a' chiad earrann meadhan a' bhaile, a' toirt a-steach Sràid na Bruaiche agus Sràid Hunndaidh.

'S e an dàrna earrann am pìos den abhainn tuath air Drochaid nam Manach.

Tha a' Chomhairle cuideachd airson £3m a chur ann an stòras eile airson na sràidean a sgeadachadh an cois an sgeama.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile