Fuasgladh eucoir a' Chinn a Tuath

  • 29 Am Màrt 2012
An t-Àrd Chonastabal Seòras Greumach
Image caption Gealltanas nach tèid cùisean bhuaithe nuair a thòiseachas am Feachd Nàiseanta.

Tha Poilis a' Chinn a Tuath a' faighinn fuasgladh do bharrachd eucoirean na riamh roimhe - agus tha na h-àireamhan aca cho math ri gin ann am Breatainn.

Sheall na h-àireamhan ùra a chaidh fhoillseachadh an-diugh gu bheil iad a' faighinn fuasgladh air còrr air 6 a-mach às a h-uile 10 cùisean eucoir.

Ach nochd buill de Bhòrd Poilis a' Chinn a Tuath iomagain an-diugh gun rachadh cùisean air ais nuair a thòisicheas feachd nàiseanta nam poileas an ath-bhliadhna.

Thug an t-Àrd Chonastabal gealltanas gun rachadh a h-uile dìcheall a dhèanamh gus nach tachair sin.

Timcheall a' BhBC