Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannach Connaidh

Thuirt an Rùnaire Cumhachd, Ed Davey, a-rithist gum bu chòir do dhràibhearan connadh a stòradh air eagal 's gun tèid dràibhearan tancair air stailc. Chuir Mgr Davey an rabhadh sin a-mach a-rithist a dh'aindeoin 's gu bheil gearainnean ann gu bheil an Riaghaltas a' cur eagail gun adhbhar air daoine. Cha deach ceann-là ainmeachadh fhathast airson stailc, ach tha aithrisean ann air feadh na dùthcha air daoine a' ceannach barrachd chonnaidh 's is àbhaist dhaibh.

Clàr-Ola

Thuirt a' chompanaidh ola Total gu bheil beachd gu math nas fheàrr aca a-niste cò às a tha gas ag aodion aig Clàr Eilginn sa Chuan a Tuath. Ach thuirt iad gum bi là no dhà ann fhathast mus dèan iad a-mach dè an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ris. Tha lasair fhathast a' losgadh air a' chlàr agus tha dragh ann gun cuir sin teine agus sprèadh ri sgoth mhòr ghas a tha na laighe air uachdair na mara mu 150 mìle an ear air Obar Dheathain.

Na Poilis

Tha Bòrd Phoileas a' Chinn a Tuath a' bruidhinn an-diugh air a' phlana airson aon fheachd poilis nàiseanta do dh'Alba. Chuireadh am plana feachdan poilis na h-Alba còmhla mar aon bhuidhinn le comanndairean ionadail ged nach eil e soilleir fhathast ciamar a dh'obraicheadh sin.

Leasannan P.E.

Thèid £6m a bharrachd a roinn air ùghdarrasan ionadail na h-Alba gus am bi iad air chomas na bu chòir dhaibh de leasannan P.E. a thoirt seachad sna sgoiltean. Ro 2014 feumaidh clann anns a' bhun-sgoil dà uair de thìde san t-seachdain air a' char as giorra de leasannan eacarsaich, agus clann eadar a' chiad 's a' cheathramh bhliadhna san àrd-sgoil dà ùine de leasannan P.E. gach seachdain.

Crìonadh Chladaichean

Chaidh innse do cho-labhairt eadar-nàiseanta a tha a' dol air adhart ann an Uibhist a Deas an-dràsta gur dòcha gur e gun dad idir a dhèanamh an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ris a' chrìonadh air na cladaichean. Thuirt aon eòlaiche gu bheil gu math tric càradh agus dìon air a' chladach ann an aon àite a' fàgail crìonadh nas miosa ann an àite eile, agus nach e rud ùr sam bith a th' ann gu bheil cruth a' chladaich ag atharrachadh.

RET

Tha òstair anns na Hearadh ag ràdh gun cuir an t-àrdachadh air faraidhean aiseig do charbadan coimearsalta gu mòr ris na cosgaisean aige, agus gu bheil cunnart ann gun caill e luchd-turais. Tha Aonghas Iain MacLeòid aig Hotel Hebrides air an Tairbeart ag ràdh gun toir faraidhean an leth-uidhir a-rithist nas daoire droch bhuaidh air a' ghnìomhachas anns na h-Eileanan.