Càin air sgiobair an Flinterspirit

  • 28 Am Màrt 2012
Image copyright RNLI
Image caption Chaidh am Flinterspirit air na Creagan air Flodaigh Mòr.

Chaidh càin air sgiobair an Flinterspirit, am bàta-bathair a chaidh air na creagan far Uibhist an t-seachdain sa chaidh.

Dh'aidich an Ruiseanach Konstantin Golubev gun robh e ciontach de dhà chasaid.

Aig Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh an-diugh, dh'aidich an Ruiseanach Konstantin Golubev, 40 bliadhna a dh'aois, nach do dh'atharraich e cùrs mar a bha còir aige.

Dh'aidich e cuideachd gun robh e leis an deoch 's am bàta an urra ris ann an Cala Steòrnabhaigh trì latha às dèidh na tubaist.

Chuir an làn an Flinterspirit air bhog a-rithist an t-seachdain sa chaidh, ach air sgàth na tubaist, chaidh draghan às ùire a thogail mu cho-dhùnadh Riaghaltas Westminster bàta-slaodaidh a' Chuain Sgìth a thoirt air falbh airson airgead a chaomhnadh.