Co-labhairt chrìonadh chladaichean ann an Uibhist

  • 27 Am Màrt 2012
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tha buidheann le Oxfam à Glaschu a' cuideachadh gus cladaichean Uibhist a dhìon an ceartuair

Tha eòlaichean bho air feadh na Roinn Eòrpa a' cruinneachadh ann an Uibhist Dimàirt is Diciadain a dheasbad crìonadh chladaichean.

Beachdaichidh iad air an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ris an trioblaid, a tha na adhbhar dragh ann an iomadach sgìre.

Chaidh a' cho-labhairt a chur air dòigh leis a' phròiseact eadar-nàiseanta CoastAdapt.

Tha am pròiseact ga ruith eadar Alba, Èirinn, Innis Tìle is Nirribhidh, feuch dè thathas a' dèanamh mu dheidhinn crìonadh nan cladaichean anns na dùthchannan sin.

Aig a' cho-labhairt bithear a' coimhead ri crìonadh chladaichean san fharsainneachd, le òraidean air an dòigh sa bheil cladaichean air feadh an t-saoghail ag atharrachadh.

Doimhneachd

Coimheadair an uair sin ann an doimhneachd air eisimpleir nan Eilean Siar, mus beachdaichear air na ghabhas dèanamh mun trioblaid.

'S ann air a' phròiseact CoastAdapt fhèin a bhios aire an dàrna là den cho-labhairt.

Tha CoastAdapt ag ràdh gu bheil iad airson 's gum faigh daoine tuigse nas fheàrr air na roghainnean a th' ann airson measadh a dhèanamh air cho cugallach 's a tha an suidheachadh anns a' choimhearsnachd aca fhèin, agus tuigse air cho comasach 's a tha iad air dèiligeadh ris.

Aig a' cheart àm, tha buidheann de riochdairean coimhearsnachd bho thimcheall Ghlaschu ann an Uibhist a Deas còmhla ris a' bhuidhinn Oxfam, airson obair a dhèanamh gus cladaichean an eilein a dhìon bho chrìonadh.

Tha a' bhuidheann air a bhith a' cur chraobhan air croit, agus a' togail fheansaichean sa ghainneimh.

Bidh a' bhuidheann cuideachd a' tadhail air Barraigh, airson sùil a thoirt air na thathas a' dèanamh an sin mu chrìonadh nan cladaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile